Jump to content

Andújar

O Uicipeid
Andújar
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Jaén
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 38° 02' 21 Tuath
04° 03' 02 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 965 km²
Àireamh-shluaigh 36,615 (2020)
Dlùths 37.94/km²
Àireamh fòn 953
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile eachdraidheil faisg air Martos ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann an Andújar (IPA: anˈduxaɾ). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Guadalquivir (IPA: ɡwaðalkiˈβiɾ), 212m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 48km air falbh bho Jaén fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus àiteachas a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol, gu seachd-àraidh liosan-ola. Tha 36,615 duine a' fuireach ann.[1]

Freumahn an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an t-ainm Arabais اندويار (Anduyar) a chlàradh airson a' chiad turais ann an 853, ach b'e Isturgi a chanadh ris o thùs. Canar iliturgitano/a ri daoine a'bhaile gus ar làithean.

Bha an cultair acheuléen làidir an seo ro àm nan Ròmanach. B' e pàirt na roinne Hispania Ulterior a bh' ann, far an robh malairt Terra sigillata ann. Ghabh an Rìgh Fernando II à Castilla os làimh an sgìre seo ann an 1226, leis gun do chuireadh gu bàs an Rìgh Abd Allah al-Bayasi - Rìgh Taifa Bhaeza - airson traoidhtearachd, oir gun tug e Andújar agus cuid a bhaile eile[2] do dh' Fhernando II aig àm cogadh an aghaidh nan Arabach eile.[3] B' fheudar do gach uile muslamach am baile fhàgail ann an 1226, agus na Crìostaidhean a' cur sìos orrasan ann an dòigh uabhasach fhèin cruaidh. B' e gearastan nam Fraingeach fad nan cogaidhean an aghaidh Napoléon a bh' ann.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. INE
  2. Reilly, Bernard F. (1993). The Medieval Spains. Cambridge University Press., ISBN 9780521397414.
  3. Martínez Díaz, Gonzalo (2000). «La conquista de Andujar: su integración en la Corona de Castilla». Boletín del Instituto de Estudios Giennenses (Jaén: Instituto de Estudios Giennenses) (176): 625-628. ISSN 0561-3590.
  4. 2017. Homenaje dentro del Encuentro de Investigadores. Letras del siglo XIX, coordinado por Juan Vicente Córcoles de la Vega y María del Carmen Toro Muñiz
  5. DB City