Andújar
Andújar
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Jaén | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 38° 02' 21 Tuath 04° 03' 02 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 965 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 36,615 (2020) | ||||
Dlùths | 37.94/km² | ||||
Àireamh fòn | 953 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile eachdraidheil faisg air Martos ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann an Andújar (IPA: anˈduxaɾ). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Guadalquivir (IPA: ɡwaðalkiˈβiɾ), 212m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 48km air falbh bho Jaén fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd agus àiteachas a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol, gu seachd-àraidh liosan-ola. Tha 36,615 duine a' fuireach ann.[1]
Freumahn an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an t-ainm Arabais اندويار (Anduyar) a chlàradh airson a' chiad turais ann an 853, ach b'e Isturgi a chanadh ris o thùs. Canar iliturgitano/a ri daoine a'bhaile gus ar làithean.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha an cultair acheuléen làidir an seo ro àm nan Ròmanach. B' e pàirt na roinne Hispania Ulterior a bh' ann, far an robh malairt Terra sigillata ann. Ghabh an Rìgh Fernando II à Castilla os làimh an sgìre seo ann an 1226, leis gun do chuireadh gu bàs an Rìgh Abd Allah al-Bayasi - Rìgh Taifa Bhaeza - airson traoidhtearachd, oir gun tug e Andújar agus cuid a bhaile eile[2] do dh' Fhernando II aig àm cogadh an aghaidh nan Arabach eile.[3] B' fheudar do gach uile muslamach am baile fhàgail ann an 1226, agus na Crìostaidhean a' cur sìos orrasan ann an dòigh uabhasach fhèin cruaidh. B' e gearastan nam Fraingeach fad nan cogaidhean an aghaidh Napoléon a bh' ann.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Gracián Quijano (1896 - 1974): Bàrd.[4]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ INE
- ↑ Reilly, Bernard F. (1993). The Medieval Spains. Cambridge University Press., ISBN 9780521397414.
- ↑ Martínez Díaz, Gonzalo (2000). «La conquista de Andujar: su integración en la Corona de Castilla». Boletín del Instituto de Estudios Giennenses (Jaén: Instituto de Estudios Giennenses) (176): 625-628. ISSN 0561-3590.
- ↑ 2017. Homenaje dentro del Encuentro de Investigadores. Letras del siglo XIX, coordinado por Juan Vicente Córcoles de la Vega y María del Carmen Toro Muñiz
- ↑ DB City