Amagá
Amagá
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Àirde | 1250m | ||||
Teòthachd chuibheasach | 21° | ||||
Co-chomharran | 06º 03' Tuath 75º 41' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 85 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 26,954 (2002) | ||||
Dlùths | 317.11/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Amagá |
'S e baile beag ri taobh Medellín ann an Antioquia,[1] Coloimbia, a th'ann Amagá. Tha e suidhichte anns a' Ghleann Aburrá. Ann an 2002 bha 26,954 duine a' fuireach an seo. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1788.
Ainm an àite[deasaich | deasaich an tùs]
A-rèir a' bheul-aithris, thug na Tùsanaich Katìo an t-ainm “Amagá” air an làraich far a bheil am baile a-nis. Nam biodh sin ceart, bhiodh am facal “Amagá” a' ciallachadh "Coltach ris a' Gheilmhin, bho “ama” (geilmhin) agus “ká” (coltach ri). “Amaká”, neo “Amagá” an latha an-diugh.
Tha mìneachadh eile ann, a tha a' dearbhadh gur ann às an fhacal “Omogá”, a thàinig an t-ainm "Amagá". 'S e clachan beag aig na Tùsanaich Nutabes, buidheann eile a bha nan tàmh anns an sgìre, a bh'ann “Omogá”. Dh'atharraich na Spàinntich ainm a' chlachain gu “Pueblo de las Peras” (Baile nam Peuran). Cha robh facal aig na Spàinntich airson avocado, leis gur e meas à Aimearaga a th'ann, agus thug iad peuran (Spàinntis: peras) orra.
Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]
Tha 27,155 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 13,085 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Amagá, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Amagá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 54.1% dhe na dachannan.[4]
Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Amagá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèis a' Ghuail: an Dùbhlachd.
- Fèisean a' chiùil Carrilera, an Dannsa agus a' chiùil Guasca.
- Fèille an Naoimh Righ Fernando.
Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]
Belisario Betancur Cuartas (1923 - 2018): Ceann-suidhe Coloimbia eadar 1982 agus 1986.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Mapa oifigeil na roinne
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- Làrach-lìn oifigeil Amagá (Spàinntis)
- Amagá 1941 (Spàinntis)