Jump to content

Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs? (Dán)

O Uicipeid

'S e dàn a sgrìobh Niall MacLeòid mu cheud bliadhna air ais a th' ann an Am Faigh a Ghàidhlig Bàs?. Rugadh Niall MacLeòid ann an Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach, anns a' bhliadhna 1843. Bha a athair, Dòmhnall MacLeòid, na cheannaiche. Bha e cuideachd na bhàrd ainmeil agus dh'fhoillsich e leabhar bàrdachd ann an 1811.

Am Faigh a' Ghàidhlig Bàs?

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha móran sluaigh am beachd an diugh
nach 'eil ar cànain slàn,
nach fhada chluinnear fuaim a guth,
nach teid i chaoidh na 's fheàrr;
gu 'm bheil an aonta bh' aic' air ruith,
nach tog i ceann gu bràth;
is a dh' aindeoin buaidh Mhic-Ille-Dhuibh
gu 'm faigh a' Ghàidhlig bàs.


Tha siol nan sonn 'g an cur air chùl
is am fearann 'g a chur fàs;
tha féidh is caoraich air gach stùc
mu 'n robh na laoich a' tàmh;


tha cinneach eil' air teachd do'n ùir,
is ag éirigh suas 'n an àit',
tha toirt am bòidean air gach dùil
gu 'm faigh a' Ghàidhlig bàs.


An leig sinn eachdraidh chaomh ar tìr
a sgrìobadh de gach clàr,
is a Ghàidhlig chòir a chur a dhìth
le linn nach tùig a gnàths?
A' chànain aosda, ghlòrmhor, bhinn,
a dhuisgeadh fuinn nam Bàrd,
am fan sinn diomhanach gun suim
is daoi 'g a cur gu bàs?
Dùisg suas, a Ghàidhlig, 's tog do ghuth,
na biodh ort geilt no sgàig;
tha ciadan mìle dìleas duit
nach dìobair thu 's a' bhlàr;
cho fad' 's a shiùbhlas uillt le sruth,
is a bhuailleas tuinn air tràigh,
cha 'n aontaich iad an cainnt no 'n cruth
gu 'n teid do chur gu bàs.


A' chainnt a dh' fhoillsich cliù nam Fiann,
is an gaisge dian 's gach càs;
tha 'n euchdan iomraiteach bho chian
ag àrach miann 'n an àl;
na leómhainn threun nach d' thug le fiamh
an cùlaibh riamh do nàmh,
tha iomadh gleann, is cnoc, is sliabh,
a' luaidh air gnìomh an làmh.


Cha 'n eòl dhuinn ceàrn an ear no 'n iar,
no fonn mu 'n iadh an sàl,
nach faighear cuid an sin dhe 'n sìol
a' liadachadh 's a' fàs,
tha 'g altrum suas, le dùrachd dhian,
gach sgialachd agus dàn,
a bhiodh an sinnsearan a' sniomh
an tìr nan sliabh 's nam bàgh.


Ach 's geàrr a bhios an ùin' a' triall
gu 'm faic sinn, mar is àill,
a' Ghàidhlig mhùirneach, mar ar miann,
an cathair inbhich, àird;
a' sgaoileadh eòlais, tùigse, 's ciall
bho h-ionmhasan nach tràigh;
is a' taisbeanadh le neart a rian
nach teid i 'n cian so bàs.


N sin togaidh i le buaidh a ceann,
le aoibhneas nì i gàir;
a teudan gleusaidh i gu teann
le cridhe taingeil, làn;
gu 'n cluinn Mac-talla feadh nan gleann
gach doire 's allt cur fàilt',
is an osag chiùin air bàrr nam beann
a' giùlan fonn a dàin.


Ach buaidh is piseach air na laoich
tha seasmhach air a sgàth,
chaidh àrach ann an tìr an fhraoich,
ge sgaoilt' an diugh an àl;
ged chaidh an sgapadh air gach taobh,
cha chaochail iad an gnàths;
cha 'n fhàs an eachdraidh lag le aois,
is cha 'n fhaigh a' Ghàidhlig bàs.