Ali Abbasi
Ali Abbasi | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Karachi, 6 dhen Lùnastal 1961 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Bàs | Glaschu, 30 dhen Iuchar 2004 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (systemic lupus erythematosus (en) ) |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | preasantair telebhisein |
Fastaichean | BBC Scotland |
B' e craoladair Albannach a bh' ann an Ali Abbasi (6 an Lùnastal 1961 – 30 an t-Iuchar 2004). Bha e ainmeil mar dhuine eirmseach, èibhinn.[1] Bha Beurla, Urdu agus Gàidhlig aige.[2]
Rugadh Abbasi ann an Karachi, Pacastan ann an 1961 agus thàinig e a dh'Alba ann an 1963.[1]
B' àbhaist dha obair mar neach-taic aig na gailearaidhean ealain aig Comhairle Baile Ghlaschu.[3] Ann an 1994, thòisich e ag obair aig BBC Scotland a' toirt seachad fiosrachadh mu na rathaidean agus siubhal.[3] A bharrachd air na naidheachdan-siubhail a libhrigeadh, dh'obair e cuideachd mar teicneolaiche fuaim nuair a bhathar a' craoladh a-muigh.[3]
Dh'fhoillsich e leabhar còcaireachd, No Worry Curries, agus dà leabhar làn fealla-dhà, The Ali Abbasi Joke Book.[1] Sgrìobh Jack McConnell, Prìomh Mhinistear na h-Alba aig am àm, ro-ràdh dhan leabhar còcaireachd.[1]
Dh'ionnsaich e Gàidhlig agus nochd e ann am prògraman Gàidhlig, nam measg Dè a-nis agus Air ais air an Ran Dan. Ann an 2003, dà bhliadhna às dèidh dha tòiseachadh air a' Ghàidhlig, chaidh ainmeachadh mar Gaisgeach na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba.[4] Rinn e pìosan cuideachd air a' phrògram Rapal air Radio nan Gàidheal.[5]
Chaochail e air 30 an t-Iuchar 2004 aig Taigh-Eiridinn an Iar, Glaschu,[1] às dèidh tinneasan a dh'adhbharaich lupus, galar a mhilleas siostam ion-dhìon a' chuirp.[6] Chumadh seirbheis aig Mosg a' Mheadhain agus chaidh e thìodhlacadh aig Cladh Linn ann an Glaschu.[1]
Mar chuimhneachain dha, stèidhichte Cupa Ali Abbasi aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Bidh a' comharrachadh duais airson leughadh pìos bàrdachd le luchd-ionnsachaidh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 'Tributes Paid to BBC Broadcaster' BBC Naidheachdan. 31 Iuchar 2004. air Archive.org
- ↑ Gràin-chinnidh agus gaol cànain An Colbh Gàidhlig, An Scotsman 29 am Faoilleach 2003.
- ↑ 3.0 3.1 3.2 BBC Scotland's Ali Abbasi dies. Brath-naidheachd leis a' BhBC. 30 Iuchar 2004.
- ↑ BBC Naidheachdan Ali Abbasi a 'Gaelic Champion' 10 Dàmhair 2003. air Archive.org
- ↑ An Colbh Gàidhlig, An Scotsman, 1 an Lùnastal 2004.
- ↑ Death of Ali Abbasi triggered by Lupus. The Scotsman, 1 Lùnastal 2004. air Archive.org