Aleksandr Sokiryansky
Aleksandr Sokiryansky | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Cherkasy, 9 dhen Fhaoilleach 1937 |
Dùthaich |
An t-Aonadh Sobhiatach A' Mholdobha Iosrael |
Bàs | Iosrael, 22 dhen Chèitean 2019 |
Foghlam | |
Foghlam | Academy of Music, Theatre and Fine Arts of Moldova (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche |
B' e bàrd, fìdhlear, neach-teagaisg agus ceòl-sgrìobhaiche à Moldàibhia/An t-Aonadh Sobhiatach a rugadh san Ucràin a bh' ann an Aleksandr Sokiryansky (Ucràinis: Сокирянський, Олександр Федорович, Romàinis: Alexandru Sochireanschi, Cherkasy, 9 am Faoilleach 1937 – Kiryat Bialik, 22 an Cèitean 2019).[1] B' ann do theaghlach bùirdeasach Iùdhach a bhuinneadh e: bha athair na innleadair agus bha a mhàthair na cunntasair. Chaidh iad tro gach cruadal ri linn An Dàrna Cogaidh leis gun do chaochail athair ann an Sèist Leningrad agus dh' eug a phiuthar ann an Taraz agus iad nam fògarraich on uile-losgadh.[2] Fhuair e a cuid foghlaim san Sgoil-ealain ann am Poltava, far an do dh' ionnsaich e an fhidheall. Bha e na fhìdhlear san Taigh-cluiche T. G. Shevchenko fad còrra bhliadhna. An uair sin, chaidh e dhan Institiud Ealain Gavriil Musicescu an Chişinău far an robh e fo stiùir M. R. Kopytman, eadar 1964 agus 1969 agus. an dèidh cheum a ghabhail ann, chuir seachad bliadhnichean a' teagasg ciùil ann an Sgoil-ciùil Ștefan Neaga an Chişinău. Fhuair e ballrachd Uniunea Compozitorilor si Muzicologilor din Moldova (Gàidhlig: Aonadh Ceòl-sgrìobhaichean agus Eòlaichean-ciùil Mholdobha) ann an 1972. A bharrachd air ceòl, sgrìobh e bàrdachd, an dà chuid ann an Romàinis agus Iùdais. Chaidh e a dh' Iosrael ann an 1991, nuair a thuit An t-Aonadh Sobhiatach a-mach à chèile, agus chaochail e an sin ann an 2019.[3]
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]- „Micul triptic" pentru orchestra de coarde, (Trì-chòmhla beag airson orcastra le teudan), 1987.
- Poemul vocal-simfonic „Tu mergi prin ţară" pentru soliști, cor și orchestra simfonică, (An dàn guth-simphnidheach "Tha thu a' dol tron dùthaich" airson aon-neach, còisir agus orcastra simphnidh), 1984.
- Simfonietta pentru orchestra de coarde şi timpane, (Simphnidh airson orcastra le teudan agus timpani), 1979.
- Suită pentru cvartet de coarde, (Pìos airson ceathrar le teudan), 1978.
- Cicluri vocale după basmele lui D. Mamin-Sibiriak, (Cuairtean gutha an dèidh sgeulachdan D. Mamin-Sibiriak), 1971.
- Trio pentru vioară, violoncel și pian, (Triùir airson fìdhle, cello agus piàna), 1971).
- Poem pentru orchestra simfonică, (Dàn airson orcastra simphnidh), 1970).
- Lamele, versuri de Felix Crivin, (Lannan, rann le Felix Crivin), 1970.
- Sonată pentru pian, (Sonata airson a' phiàna), 1969.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]v