Albacete
Albacete
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Albacete | ||||
Sgìre | Castilla-La Mancha | ||||
Co-chomharran | 38° 59' 44' Tuath 51° 24' 41' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,125.91 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 172,121 (2009) | ||||
Dlùths | 152.87/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 974 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile meadhanach faisg air Cuenca ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Albacete (IPA: alβaˈθete). Tha e suidhichte aig 690m os cionn ìre na mara,[1] 223km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 434km bho Bharcelona.[2] Tha 172,121 duine a’ fuireach ann an Albacete.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Albacete a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à الباسيتي (Al-Basit) [4] ann an Arabais a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh làn no rèidh. Tha cruth na tìre a' gabhail ri seo. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean: tha an connrag s air atharrachadh gu θ, rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e na h-Ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fad. Chan eil fios aig duine sam bi nan robh ainm aige mus do ràinig na h-Arabaich. Chaidh Ahmad al-Mustansir Sayf al-Dawla a mharbhadh an seo le ridirean à Castilla nn an 1146. Thuit am baile dha na ann an 1241, an dèidh còrr is ceithir ceud bliadhna.[5] Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6] Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.[7] B' e gearasadain Feachdan eadar-nàiseanta na Poblachd a th' ann Albacete fad an t-subhail, mus do thill iad dhachaigh ann an 1938.[8]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Albacete.[9] Cha tuit ach 353mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 820mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[10] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Bir Ganduz
- Castell-nedd Port Talbot
- Colón
- Houndé
- La Lisa
- Nanchang
- Posadas
- Reconquista
- San Carlos
- San Miguelito
- Udine
- Vienne[11]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Milarium
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Sobre el Etimología Árabe de Albacete
- ↑ Historia de Albacete
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Parnaseo
- ↑ Brigadas Internacionales
- ↑ Climate Data
- ↑ Aemet
- ↑ Vienne