Alasdair Gray
| Alasdair Gray | |
|---|---|
![]() | |
| Beatha | |
| Breith | Glaschu, 28 dhen Dùbhlachd 1934 |
| Dùthaich |
|
| Bàs |
Glaschu agus Queen Elizabeth University Hospital (en) |
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe) |
| Foghlam | |
| Foghlam |
Sgoil-ealain Ghlaschu Whitehill Secondary School (en) |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | sgrìobhadair, bàrd, nobhailiche, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, sgrìn-sgrìobhaiche, dealbhadair, peantair, neach-ealain lèirsinneach agus neach-ealain |
| Àitichean-obrach | Alba |
| Fastaichean | Sgoil-ealain Ghlaschu |
| Obraichean comharraichte |
Lanark: A Life in Four Books (en) 1982, Janine (en) Poor Things (en) |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
| Gnè ealain | Ficsean-saidheans |
| Neach-fànais | |
| IMDb | nm1206865 |
| alasdairgray.co.uk | |
B' e nobhailiche, sgrìobhadair agus peantair à Alba a bh' ann an Alasdair Gray.
Rugadh agus thogadh e ann an Glaschu. Bha e na oileanach aig Sgoil-ealain Ghlaschu agus dh'obair e mar pheantair aig taighean-cluiche ann an Glaschu. Sgrìobh e dealbh-chluichean airson an rèidio agus bha e na bhall buidheann sgrìobhadair Philip Hobsbawm còmhla ri Tom Leonard agus James Kelman. Dh'fhoillsich e a chiad nobhail, Lanark ann an 1981. Bha e leth-fhìor-riochdail, leth-fhantasach, le dà earrainn ann an Glaschu fhèin agus dà earrainn ann an Unthank agus Provan, tionndaidhean ficseanail de Ghlaschu.[1]
Sgrìobh e cruinneachadh rò-ràdhan ann an 2000, The Book of Prefaces, le faclan o Ghray fhèin agus sgrìobhadairean eile, leithid Aonghas MacNeacail, Iain Mac a' Ghobhainn, A. L. Kennedy, Janice Galloway agus Roger Scruton.[2] Tha e cuideachd na neach-iomairt agus tha e air obraichean poileataigeach fhoillseachadh, mar eisimpleir Why Scots Should Rule Scotland agus How We Should Rule Ourselves còmhla ri Adam Tomkins.[3]
Chaochail e ann an Glaschu air 29 an Dùbhlachd 2019.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “BBC Two - Writing Scotland - Alasdair Kelman”. BBC. Air a thogail 7mh dhen t-Sultain 2017.
- ↑ Gray, Alasdair (2000): The Book of Prefaces. Canongate.
- ↑ Gray, Alasdair ⁊ Tomkins, Adam (2004): How We Should Rule Ourselves. Canongate.
- ↑ Lea, Richard: “Alasdair Gray, influential Scottish writer and artist, dies aged 85”, The Guardian. 29mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2019.
