Jump to content

Alacant

O Uicipeid
Alacant
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Alacant
Sgìre Co-chomann València
Co-chomharran 38° 20' 43 Tuath
00° 28' 59 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 201.27 km²
Àireamh-shluaigh 334,418 (2010)
Dlùths 1,661.54/km²
Àireamh fòn + 34 965
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr agus port cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann an Alacant (Catalanais, IPA: ala'kant), neo Alicante[1] (Spàinntis: IPA: ali'kante). Chaidh a stèidheachadh mu 324 ro Chrìosd. Tha Alacant suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[2] eadar na h-aibhnichean Seco agus Rambuchar.[3] Tha Alacant 362km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 394km bho Bharcelona.[4] Tha 334,418 daoine a’ fuireach ann an Alacant,[5] an darna baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an 13mh baile anns an Spàinn.[6] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Alacant a th’ ann an Alacant cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Ἂκρα Λευκῆ, (Akra Leukḗ) no Λευκῆ Ἂκρα, (Leukḗ Akra) (Gàidhlig: Rubh Geal) ann an Greugais a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh am baile fo bhuaidh nan Cartagach o chionn fhada.[7] Dh'atharrach na Ròmanaich an t-ainm gu Lucentum agus as an dèidh chaidh atharrachadh gu ألَلَقَنْت (Al- Laqant) ann an Arabais.[8] 'S ann dìreach as an fhoirm seo a thàinig an t-ainm a thathar a' cleachdadh an latha an-diugh ann an Catalanais.

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Alacant.[10] Cha tuit ach 311mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 862mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[11] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. ↑ Mongabay
  3. ↑ Viajar en Familia
  4. ↑ Distance Calculator
  5. ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
  6. ↑ Bailtean na Cruinne
  7. ↑ Akra Leuké, Gran Enciclopedia Temática de la Comunidad Valenciana, Historia, Editorial Prensa Valenciana, 200
  8. ↑ Historia de la ciudad de Alicante, Azuar Ruiz R., Ajuntament d'Alacant, 1990
  9. ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  10. ↑ Aemet
  11. ↑ Oifis na Sìde
  12. ↑ Annuaire de France

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]