Jump to content

Alacant (provincia)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Roinn Alacant)
Alacant
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Alacant
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,817 km²
Àireamh-shluaigh 1,934,127 (2014)
Dlùths 332.5/km²
Àireamh fòn + (96)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a th' ann an Alacant (IPA: alaˈkant, Spàinntis: Alicante). Tha e na laighe ann an València, air an àirde an ear-dheas na dùthcha. 'S e Alacant a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh València i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Alacant fad 5,817km²[3] agus tha 1,934,127 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 41mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ceathramh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Murcia agus València.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Ἂκρα Λευκῆ, (Akra Leukḗ) no Λευκῆ Ἂκρα, (Leukḗ Akra) (Gàidhlig: Rubh Geal) ann an Greugais a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh baile Cartagach san sgìre o chionn fhada.[6] Dh'atharrach na Ròmanaich an t-ainm gu Lucentum agus as an dèidh chaidh atharrachadh gu ألَلَقَنْت (Al- Laqant) ann an Arabais.[7] 'S ann dìreach as an fhoirm seo a thàinig an t-ainm a thathar a' cleachdadh an latha an-diugh ann an Catalanais. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Akra Leuké, Gran Enciclopedia Temática de la Comunidad Valenciana, Historia, Editorial Prensa Valenciana, 200
  7. Historia de la ciudad de Alicante, Azuar Ruiz R., Ajuntament d'Alacant, 1990