Jump to content

Akşehir

O Uicipeid
Akşehir

Suidheachadh
Dùthaich An Tuirc
Ceàrn Akşehir Belediyesi
Sgìre Konya İli
Co-chomharran 38° 22 00' Tuath
31° 25 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,729.69 km²
Àireamh-shluaigh 94,133 (2017)
Dlùths 54.42/km²
Àireamh fòn + 332
Duilleag oifigeil http://www.aksehir.bel.tr/portal/

'S e baile mòr agus sgìreachd (Turcais: belediye) ann an cridhe Poblachd na Tuirce a th' ann an Akşehir (Laideann: Philomelium, Greugais: Φιλομήλιον). Tha Akşehir suidhichte faisg air Konya, eadar Ankara agus Antalya, san roinn (Turcais: ili) Konya, aig 1,025m os cionn ìre na mara.[1] Tha 94,133 duine a' fuireach ann.[2]

B' e Philomelos, prionnsa à Macedon, a stèidhich am baile. Bha batal an seo ann an 1190 eadar ridirean an treas cogaidh-croise agus na Seildiucaich. Chaidh ainm a' bhaile atharrachadh fo Impireachd nan Otomanach gu Akşehir, bho Ak (Gàidhlig: geal) agus șehir (Gàidhlig: baile), bhon Fharsi شهر. Bheireadh sin Am Baile Geal dhuinn. Chaochail Bayezid I na phrìosanach an seo ann an 1403, bliadhna an dèidh dha Cath Ankara chall gu Tamerlaine.[3] Chaidh Murad III ainmeachadh riaghladair (Turcais: sancakbeyi) air Akşehir le a sheanair Süleyman I ann an 1558. Bha priomh oifisean arm na Tuirce suidhichte ann an Akşehir fad Cogadh na Grèige is na Tuirce (1919 - 1922).

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Elevation Map
  2. Cunntas-sluaigh na Stàite
  3. Ankara Yıldırım Beyazit Üniversitesi
  4. Nasruddin
  5. IMDB

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]