Afon Dyfrdwy

O Uicipeid
Afon Dyfrdwy air beulaibh stèisean Llangollen

Is i Afon Dyfrdwy (Beurla: River Dee) an abhainn a bu mhotha ann an Gogledd Cymru (Tuath a' Chuimrigh), tha i a' doirteadh a-mach a Lynn Tegid, an loch nàdurra a bu mhotha na dùthcha, mu dheidhinn mìle gu deas a Bala agus a' sruthadh chun ear le rathad Corwen agus Llangollen gu Ruabon, far a bheil i a' trèigsinn na beanntan agus a' tionndadh dhan a thuath. Airson an cuid bu mhotha de a cùrsa eadar Ruabon agus Y Caer (Chester) tha an abhainn na crìoch eadar a' Chuimrigh agus Sasainn. Tha cairidh aig Chester, a bha na Port ann an linn na Sacsonaich a' comharrachadh ceann sail Dyfrdwy. Fo Caer, tionndaidh cùrsa na h-Aibhne a-rithisth, chun iar-thuath agus thèid i sìos eadar bruaichean cladhaichte thairis raon oirtireil chun drochaid a bu ìsle aig (Aiseag na Ban-righinn) a' sruthadh seachad clachan aois-mhor Shotwick air a bruaich Sasannach agus baile Fflint air a bruaich Cuimreach thig i chun a linn a dh'fhosgaileas a-mach gus am bith e a' coinneachadh a' mhuir fhosgailte eadar Rubha Aer agus West Kirby.

Chan eil ach aon port air an Dyfrdwy 's an latha an diugh, Mostyn, ann an Siorrachd Fflint. Ged nach eil cala Mostyn domhain gu leòr airson luing nas motha na 2,000 tunna, tha ùtraidean rathad-iarainn ga frithealadh agus tha am bathair a bhitheas a' trachadh tron phort a' gabhail a-steach lannan stàilinn cuibhlichte.