Adhamh MacFhearghais

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Adhamh MacFhearghais
ProfAdamFerguson.jpg
Beatha
Breith Lag an Ràtha, 20 dhen Ògmhios 1723
Dùthaich  Alba
Cinneadh Albannach
Bàs Cill Rìmhinn, 22 dhen Ghearran 1816
Teaghlach
Athair Adam Ferguson
Màthair Mary Gordon
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Chill Rìmhinn
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, leabhar-lannaiche, eachdraiche, saighdear, aistear, eaconamaiche, sgrìobhadair, clèir, sòiseo-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh agus seaplain
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Duaisean a fhuaras
Buaidh Montesquieu
Ballrachd Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
The Poker Club
Gluasad Soillseachadh na h-Alba
Scottish Common Sense Realism
Creideamh
Creideamh Seanaireachd

B' e feallsanaiche agus neach-eachdraidh a bh' ann an Adhamh MacFhearghais (Beurla: Adam Ferguson) (20 an t-Ògmhios 172322 an Giblean 1816). Thathar ag ràdh gur e "athair sòiseo-eòlais nua-aimsireil" a bh' ann an Adhamh MacFhearghais.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Lag an Ratha ann an Athall. Bha Gàidhlig aige. Bha a athair na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Fhuair e foghlam ann an sgoil-pharaiste Lag an Ratha, ann an sgoil-ghràmair Pheairt agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obair Dheathain. Ann an Dùn Èideann, chuir e aithne air Ùisdean Blair, Alasdair Carlyle agus daoine eile a bha 'n sàs ann an Soillseachadh na h-Alba.

O chionn 's gun robh Gàidhlig aige, fhuair e dreuchd mar leas-mhinistear-feachd aig 43mh rèisimeid, "Am Freiceadan Dubh", ged nach do chuir e crìoch air a cheum ann an diadhaireachd. Bha e còmhla ris an rèisimeid gu ruige 1754. Às dèidh sin, dh'fhàg e an t-Arm agus chuir e roimhe a bhith na sgrìobhadair làn-thìde. Bha e a' fuireach ann an Leipzig anns a' Ghearmailt, thill e a Dhùn Èideann agus ann an 1757, fhuair e obair mar leabharlannaiche aig Roinn nan Tagraichean. A dh'aithghearr, fhuair e obair eile mar oide-ionnsachaidh do theaglach Iarla Bhòid. Bho 1759, bha MacFheargais na àrd-ollamh ann am feallsanachd nàdarra aig Oilthigh Dhùn Èideann. Ann an 1764, chaidh a ghluasad gu feallsanachd-inntinn agus beus-eòlas.

Leabhar-chlàr[deasaich | deasaich an tùs]

  • Essay on the History of Civil Society (1767)

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]