Jump to content

Uisge Amain

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Abhainn Amain, Siorrachd Pheairt)
Uisge Amain
Ainm Beurla: River Almond
Map
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Peairt ⁊ Ceann Rois
Siorrachd Siorrachd Pheairt
Feartan fiosaigeach
Bun na h-aibhne Tatha, Peairt
Màthair-uisge , Creag Uchdag, taobh a deas Loch Tatha
Srath-aibhne Tatha
Saoil a bheil sibh a' lorg Abhainn Amain ann an Lodainn an Iar?

'S e abhainn ann an Alba a tha ann an Uisge Amain[1], Abhainn Amain no Aman[2] (Beurla: River Almond). 'S e leas-abhainn Tatha a th' ann. Tha 'Aman' dìreach a' ciallachadh 'abhainn' ann an seann-bhriothannais, ach chan eil an aon fhreumh ann ri abhainn ann an Gàidhlig.[3] agus tha e a' toirt a ainm gu Colaiste Ghlinn Amain agus paraiste Lagan Amain.

Tha Uisge Amain a' tòiseachadh anns na beanntan taobh a deas Loch Tatha. Tha a' chiad leth a' sruthadh tro Ghleann Amain bhòidheach is gharbhlach ann an Tìr nam Beann. Tha an t-uisge a' fàgail Tìr nam Beann aig Caol Ghlinn Amain (Sma' Glen) gu tuath air Craoibh. An dèidh sin tha an t-uisge a' sruthadh air magh agus a' fàs nas farsainge. Thèid e seachad air corra chlachan agus Bruthach Amain. 'S e Inbhir Amain ainm a' chomair far a bheil e a' ceangal ri Tatha gu tuath air Peairt.

Àrainneachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Gleann Amain ro chas airson tuineachaidh - tha doimhneachd a' ghlinn mu 40m, agus tha coillte sheargaich air na bruthachan.[4] Air a' mhaigh, tha an t-uisge a' ruith tro achaidhean is clachain. Tha Aman ainmeil airson bradain, 's tha Inbhir Amain na àite fèillmhor airson iasgach agus tha Spùtan Bhuidhinntidh (Buchanty Spout) na eas math airson bradain a choimhead.[5] Chaidh pròiseact a dhèanamh ann an 2024 air a bheil an t-ainm Riverwoods airson an èig-eòlas a leasachadh[6]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. River Almond - Uisge Amain (en). Ainmean Àite na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2026.
  2. Stòr-dàta fiosrachaidh air ainmean-àite ann an Alba (gd). “Almond - Aman or Abhainn Amain”
  3. James, Alan (1d dhen t-Samhain 2025): Brittonic Language in the Old North Volume II Dictionary (en), td. 10.
  4. Lowland River Corridors - Tayside (en). Dualchas Nàdair na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2026 (pdf).
  5. Other Tay Tributaries (en). Tay Rivers Trust. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2026.
  6. Riverwoods - Almond Headwaters (en). Perth and Kinross Countryside Trust. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2026.