Jump to content

Abhainn Amain, Lodainn an Iar

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Abhainn Àmain, Lodainn an Iar)
Saoil a bheil sibh a' lorg Uisge Amain ann an Siorrachd Pheairt?
Abhainn Amain
Ainm Beurla: River Almond
Map
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Baile Dhùn Èideann, Lodainn an Iar
Siorrachd Lodainn an Iar
Feartan fiosaigeach
Fad 48 kilometre
Bun na h-aibhne Linne Foirthe, Cair Amain
Màthair-uisge Hirst Hill, Cant Hills

'S e abhainn ann Lodainn an Iar a tha ann an Abhainn Amain[1][2] no dìreach Aman (Beurla: River Almond). Tha i a' sruthadh gu Linne Foirthe. Tha an t-ainm dìreach a' ciallachadh 'abhainn' ann an seann-bhriothannais, ach chan eil an aon fhreumh ann ri 'abhainn' ann an Gàidhlig.[3]

Tha an abhainn a' tòiseachadh gu tuath air Shotts anns na Cant Hills agus a' sruthadh seachad air an Allt Bhàn, tro Bhaile Dhunlèibhe agus Pàirc-dhùthcha Dhail Amain ⁊ Choille Chaladair (Almonddell and Calderwood Country Park). Thèid Canàl an Aonaidh thairis oirre aig Amar-uisge Amain no Lin's Mill Aqueduct eadar Coille Chaladair is an Drochaid Nuadh. Bhon sin tha an abhainn a' dol air adhart gu Kirkliston, agus a' ceangal ri Linne Foirthe ann an Cair Amain (Dùn Èideann an Iar).

Bha i na prìomh-phàirt dhen chrìch eadar na seann shiorrachdan Lodainn an Iar agus Meadhan Lodainn.

Àrainneachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha mòran mhèinnearachd a' tachairt ann an Lodainn an Iar agus air sgàth sin bha Aman ainmeil airson truaillidh. A-nise a tha a' mhèinnearachd air stadadh, tha an abhainn a' fàs nas glaine agus faodaidh bric is bradain iasgach le cead.[4]

Leas-aibhnichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an srath-aibhne a' gabhail a-steach pàirt mhòr de Lodainn an Iar agus taobh siar Dhùn Èideann. Tha e a' crìochnachadh còmhla ri Abhann air aon taobh agus Uisge Lìte air an taobh eile.

  • Allt Gogar a tha a' sruthadh gu Amain ann an Camach
  • Allt Nuadh-Treibh (Niddry Burn) a thèid dhan abhainn ann an Kirkliston
  • Allt Broc (Brox Burn) a thèid dhan abhainn san Drochaid Nuaidh
  • Bog Burn air a bheil Loch-tasgaidh Cobbinshaw a thèid dhan abhainn ann am Baile Dhunlèibhe
  • Harwood Water 's e a sruthadh dhan abhainn ann am Baile Dhunlèibhe cuideachd
  • Uisge Brìch (Breich Water)
  • Bickerton Burn
  • How Burn[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. West Lothian Angling Association (en). “River Almond (Abhainn Amain)”
  2. Stòr-dàta fiosrachaidh air ainmean-àite ann an Alba (gd). “Almond - Aman or Abhainn Amain”
  3. James, Alan (1d dhen t-Samhain 2025): Brittonic Language in the Old North Volume II Dictionary (en), td. 10.
  4. West Lothian Angling Association (en). “species fished for: Brown Trout, Sea Trout and Salmon”
  5. SEPA River Almond (en).