Aarhus
Coltas
Århus/Aarhus
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Danmhairg | ||||
Sgìre | Midtjylland | ||||
Co-chomharran | 56° 09 00' Tuath 10° 12 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 91 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 252,213 (2012) | ||||
Dlùths | 2,771.57/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 45) 89 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr agus port[1] cudromach ri taobh a' Kattegat, faisg air Randers, ann am meadhan na Danmhairg a th' ann an Århus neo Aarhus (IPA: ɒːhuːˀs, Liotuànais: Orhūsa, Laideann: Aarhusium). Tha e suidhichte air Bàgh Århus (Danmhairgis: Bugt Århus), aig 10m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Midtjylland (Gàidhlig: Meadhan Jylland),[3] 157km air falbh bho Copenhagen (prìomh-bhaile na dùthcha), 69km bho Fredericia, 151km bho Helsingbør agus 134km bho Esbjerg.[4]
Chaidh Århus a stèidheachadh ri linn nan Lochlannach agus tha an t-ainm a'ciallachadh Inbhir na h-Aibhne, bho ā (abhainn) agus ōss (inbhir). Tha 252,213 duine a' fuireach ann.[5] 'S e an dàrna baile as motha anns an Danmhairg a tha ann cuideachd.[6]
Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Århus Havn
- ↑ Mongabay
- ↑ Den Store Danske
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Danmarks Statistikbank
- ↑ Geonames