Esbjerg
Coltas
| Esbjerg | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Sgìre | Syddanmark |
| Co-chomharran | 55° 29 00' Tuath 08° 27 00' Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 742 km² |
| Àireamh-shluaigh | 71,579 (2012) |
| Dlùths | 96.47/km² |
| Àireamh fòn | (+ 45) 45 |
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr agus port[1] cudromach faisg air Varde, air àirde an iar-dheas na Danmhairg a th' ann an Esbjerg (IPA: ɛsb̥jæɐ̯ˀ, Liotuànais: Esbjergas). Tha e suidhichte air Bàgh Fanø (Danmhairgis: Bugt Fanø), aig 18m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Syddanmark (Gàidhlig: Danmhairg a Deas),[3] 261km air falbh bho Copenhagen (prìomh-bhaile na dùthcha), 84km bho Fredericia, 269km bho Helsingbør agus 134km bho Århus.[4]
Chaidh Esbjerg a stèidheachadh ann an 1868 mar phort ùr an àite Altona, air a chall sa chogadh eadar An Danmhairg agus A' Phruis ann an 1864.[5] Tha 71,579 duine a' fuireach ann.[6] 'S e an siathamh baile as motha anns an Danmhairg a tha ann cuideachd.[7]