A' Ghraonlainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
A' Ghraonlainn
Sealladh san àirde a dheas na Graonlainn, faisg air Nanortalik

'S e a' Ghraonlainn [1][2] (cànan Kalaallisut: Kalaallit Nunaat, Danmhairgis: Grønland) an t-eilean as motha air feadh an t-Saoghail. Tha i suidhichte eadar a' Chuan Argtach agus a' Chuan Siar. Ged a tha e pàirt de tìr-mòr Aimearaga-a-Tuath a-rèir cruinn-eòlas, tha dluth cheangal poiliteagach aice leis an Danmhairg.

Anns a’ bhliadhna 2008 bha taghadh anns a’ Ghraonlainn agus rèitich muinntir na dùthcha gum bi iad mar duthaich fhèin riaglach ann an Rìoghachd na Danmhairge. Bidh sin a' toiseachadh an t-Iuchar 2009.

Tha a' Ghraonlainn cho mòr ri 2,166,086 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2007 bha timcheall air 57,564 daoine a’ fuireach anns an dùthaich fhèin, ‘s e 0.027 duine gach km2. Mar sin 's e a’ Ghraonlainn an tè as ìsle a-rèir Àireamh-shluaigh air feadh an t-saoghail.

Tha Nuuk (far-ainm: Godthåb) na prìomh-bhaile agus tha e cuideachd na bhaile as motha den dùthaich.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Brigh nam Facal, Faclair Ur don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
  2. Dùthchannan aig SMO

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]