A' Cleachdadh na Gàidhlig (leabhar)
'S e cruinneachadh de dh'aistean a-mach air ath-leasachadh na Gàidhlig a th' anns an leabhar, A' Cleachdadh na Gàidhlig: slatan-tomhais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd.
Chaidh na h-aistean a libhrigeadh anns a' chiad dol-a-mach mar phàipearan aig co-labhairt dhen aon ainm a chaidh a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Ògmhios, 23‐26, 2009.[1] Chaidh an cruinneachadh a dheasachadh le Richard A.V. Cox agus Timothy Currie Armstrong fo sgèith Clò Ostaig, foillsichear-taighe acaidèamach na Colaiste, agus chaidh a chur an clò ann an 2011.[2]
Tha an cruinneachadh seo mì-àbhaisteach anns an t-seagh gu bheil mòr-chuid dhe na h-aistean ann an Gàidhlig, agus gu bheil farsaingeachd de stoidhlichean air an riochdachadh ann, eadar aistean teòiridheil sgoileireil agus aithisgean pragtaigeach air iomairtean Gàidhlig.[3][4] Cuideachd, tha ceithir dhe na aistean a-mach air suidheachadh na Cuimris.[5]
Clàr-innse
[deasaich | deasaich an tùs]- Co-aonta agus Ro-innleachd: Iomairt Charn Tóchair agus ath-leasachadh cànain aig ìre na coimhearsnachd, le Timothy Currie Armstrong
- Aig an Taigh le Gàidhlig: fianais thaiceil bho eòlas-inntinn, le Seonaidh Caimbeul
- Tobar an Dualchais: mar a chuireas am pròiseact ri cleachdadh na Gàidhlig, le Mairead Dhòmhnallach
- An Tèid aig an Lagh air Cleachdadh Mhion-Chànan a Bhrosnachadh? Achd na Gàidhlig agus Achdan Chànan Eile fon Phrosbaig, le Robert Dunbar
- The Camuscross Community Initiative: revitalising language use within a community, le Flòraidh Forrest, Iain MacKinnon, Gabhan Mac a’ Phearsain agus Neil MacGillivray
- Virtual Gaelic Communities, le Donald J. Gillies
- Using Gaelic in the Classroom: the Highland Literacy Project in Gaelic-medium education, le John Howieson
- Waking the Dragon within: empowering local language communities, le Gareth Ioan
- Gaelic and Welsh in the Community: some reflections over 40 years, le Clive James
- Towards a National Welsh-medium Education Strategy, le Meirion Prys Jones
- Luchd-ionnsachaidh o thaobh a-muigh saoghal na Beurla:luchd-bruidhinn na Gàidhlig ris nach eil dùil? le Mìcheal Klevenhaus
- A’ Cleachdadh na Gàidhlig, a’ Brosnachadh an Spioraid: Buidheann Karate tro Mheadhan na Gàidhlig airson Sgoilearan na Bun-sgoile, le Sìleas Landgraf agus Alasdair MacMhaoirn
- Cleachdadh na Gàidhlig san Ionad-obrach: MG Alba, le Alison Lang
- Luachadh Sgilean Cànain anns an Àite-obrach, le Iain Mac an Tàilleir
- Can Animation Serve Tradition as Well as Language? le Leslie MacKenzie
- Planaichean Reachdail Gàidhlig: cothroman is cnapan-starra, le Wilson McLeod
- Foghlam Tràth agus Cùram Chloinne Meadhain-Ghàidhlig: bun cheistean is mòr dhùbhlain, le Wilson McLeod, Joanna McPake agus Christine Stephen
- Dìlseachd, Lughad agus Saor-thoileachas: moladh airson iomairt Gàidhlig a dh’fhaodadh obrachadh, le Neil McRae
- A’ Cleachdadh na Gàidhlig sa Choimhearsnachd, le Magaidh Nic a’ Ghobhainn
- Cainnt nan Deugairean, le Mòrag Stiùbhart
- Trì Chearcallan Ceangailte: a’ leasachadh thobraichean ùra airson ath-nuadhachadh na Gàidhlig an Albainn Nuaidh, le Seumas Watson
- The Imperial Reach and the Reluctant Response, le Colin H. Williams
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ "Mar ghabhas 'cleachdadh na Gàidhlig' a thomhas," 26-6-2009, The Scotsman.
- ↑ "An càs anns a bheil a’ Ghàidhlig an da-rìribh." 11-2-2012, The Scotsman.
- ↑ "'A' Dìon Coimhearsnachdan na Gàidhlig,'" Cothrom 70, An Geamhradh 2011. tdd. 47-48.
- ↑ Gillies, Donald J. (2011) "Book review: A’ Cleachdadh na Gàidhlig: slatan‐tomhais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd " Canadian Celtic Arts Association Newsletter 7(4), tdd.7-8.
- ↑ MacRisnidh, Steamhan (2011) "Cogadh no sìth? Fileantaich agus luchd-ionnsachaidh." Am Pàipear 311, td. 11.