Òrain ghaoil
San dualchas Ghàidhlig, ged a tha cuid dhe nan h-òrain ghaoil aighearrach - mar eisimpleir, ag ràdh cho brèagha a tha am boireannach, no cho gaisgeil a tha an duine - tha a’ mhòr-chuid dhiubh gu math brònach. Seo òran ghaoil no dhà de mheasg na feadhna a tha reusanta àghmhor:
Ach tha òrain mhuladach fada nas bitheanta. Mar eisimpleir, chaidh Ailein Duinn a sgrìobhadh airson Ailean Moireasdan leis a leannan Annag Chaimbeul. Ann an 1788, sheòl Ailean a Sgalpaigh na Hearadh airson Annag a phòsadh. Gu mì-fhortanach, thàinig stoirm mhòr orra, chaidh an long a bhriseadh agus chaidh a h-uile a chall a bha air bòrd. Rinn Annag an t-òran seo, agus chaochail ise sa mhuir greiseag às dèidh sin. A rèir beul-aithris chaidh a corp a lorg air a’ chladach ri taobh cuirp Ailein fhèin.