Jump to content

Ísafjörður

O Uicipeid
Ísafjörður

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Ceàrn Vestfirðir
Sgìre Norður-Ísafjarðarsýsla
Co-chomharran 66° 04 00’ Tuath
23° 07 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,636 (2011)
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Ofigeil

‘S e baile beag air an àirde an iar-thuath Innis Tìle a th’ ann an Ísafjörður (IPA: ˈi:saˌfjœrðʏr̥). Tha e suidhichte aig 1m os cionn ìre na mara[1] san sgìre Norður-Ísafjarðarsýsla, san roinn Vestfirðir, ri taobh Loch-mara Skutulsfjördur, 222km bho Reykjavík (prìomh-bhaile na dùthcha), agus 234km bho Akureyri.[2] Tha 2,636 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] Chaidh Ísafjörður a stèidheachadh san 9mh Linn. 'S e ionad-riaghlaidh na sgìreachd Ísafjarðarbær a th'ann an Ísafjörður cuideachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[4]

Freumh-fhaclachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Loch Mara na Deighe san chànan aca, bho Ís (Deigh) agus fjörður (Loch mara).

Nochd Ísafjörður ann an caibideil 42 dhen Landnámabók:[5]

því réðst hann til Ísafjarðar; þar gerðist saga þeirra Þorbjarnar og Hávarðar

Thug e ionnsaigh air Isafjord; An sin thachair sgeulachd Thorbjörn agus Hávard.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Global Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Snerpa

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]