Àirigh

O Uicipeid
Làrach àiridh anns an Eilean Sgitheanach
Àirigh an latha an-diugh air a' mhointeach ann a Cuisiadar, faisg air Sgiogarstaigh, Nis

B’e àirigh bothan air air a’ mhòintich sam biodh daoine a’ fuireach airson greise as t-samhradh. San dòigh seo, gabhaidh achaidhean àrd fois san geamhradh, nuair a tha iad fuar, agus gabhaidh na machraichean fois san t-samhradh.

Ann am bàrdachd Gàidhlig, tha àirighean tric a' samhlachadh saorsa, àbhachdas agus gaol leis mar a bhiodh tuilleadh saorsa aig an òigridh na bhiodh aca aig an taigh. Tha òrain leithid 'Maighdeannan na h-Àirigh' agus 'Am Bothan Àirigh air Bràigh Raithneach' a' cleachdadh na h-ìomhaigh.

’S ann a bhios sinn gan àrach
air àirigh am Bràigh Raithneach
Ann am bothan an t-sùgraidh
’s gur e bu dhùnadh dha barrach'.

(Am Bothan Àirigh air Bràigh Raithneach)

Seo pìos a sgrìobh an t-Urramach Iain MacRuairidh (a bhàsaich ann an 1907 san Eilean Sgitheanach) a thaobh mar a bha na h-àiridhean ann am meadhan an 19mh Linn:

“Anns an àm ud bha suidheachadh na Gàidhealtachd air iomadh dòigh glé dhealaichte o mar a tha e aig an àm seo. Bha pìos mór de mhonadh aig a h-uile baile tuatha. Theirteadh ‘An Cul-cinn’ ris a’ mhonadh seo. Ann am mìos meadhan an t-samhraidh bha crodh a’ bhaile a’ dol a dh’ ionnsaidh a’ chul-cinn. Bha àiridhean air an togail as ùr gach bliadhna. Bhiodh gach té dhe gach àiridh dhiubh seo eadar a h-uile dithis no triùir dhen tuath, agus bhiodh mar seo dithis no triùir de nigheanan a’ cadal annta gach oidhche fad na h-ùine a bhiodh crodh a’ bhaile air a’ chul-cinn. Bha mu shia troidhean air leud, agus mu dheich troidhean air fad anns gach àiridh. Bha na ballachan aca air an togail dhe na pluic a bha air an gearradh as an riasg a bha faisg air làimh. Bha dà stuaidh agus dà dhoras orra. Bha na dorsan mu choinneamh a chéile, air dhòigh ’s gun dùinteadh an doras air am biodh a’ ghaoth. Cha robh còmhlachan riutha idir. Bha iad air an dùnadh le pluic.”

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]