Villeta

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Villeta
Flag of Villeta.svg Escudo de Villeta (Cundinamarca).svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Cundinamarca - Villeta.svg
Sealladh air a' bhaile
Estación del Ferrocarril Villeta 2.JPG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Cundinamarca.svg Cundinamarca
Sgìre Gualivá
Àirde 850m
Teodhachd 26˚
Co-chomharran 05° 00' 53' Tuath
74° 28' 29' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 140 km²
Àireamh-shluaigh 24,340 (2005)
Dlùths 173.86/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Villeta. Tha e suidhichte aig 850m os cionn ìre na mara aig astar dhe 78km bho Bhogotá. ‘ S e baile le clìomaid blàth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 24,340 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 9,566 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Villeta, ach tha 2.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.1% dhe na daoine ann an Villeta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 27.8% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Villeta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Manuel Antonio Sanclemente (18131902) an seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann am Villeta