Uiseag

O Uicipeid
Alauda arvensis
Uiseag
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Passeriformes
Teaghlach Alaudidae
Gèineas Alauda
Spèiseas A. arvensis
Ainm saidheansail
Alauda arvensis (Linnaeus, 1758)
Briathran Gàidhlig eile
Uiseag
Topag
Fosgag Moire
Alauda arvensis

Tha uiseag, topag, riabhag neo fosgag Moire (Laideann: Alauda arvensis) na h-eun beag donn a tha ann an òrdagh Passerine eunlaith an adhair. 'S e sin ri ràdh, gum bheil i na h-eun laighe.

Tuairisgeul[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an uiseag eadar 16 is 18 cm a dh' fhaid. Tha a bràigh donn breac-bhallach ach a' bànachadh gu ruige a tarra. Tha cìrean gearr neo-gheur air a ceann; gabhaidh a togail agus a leigeil. Tha sgiathan an eòin fhireann nas leathainne na an t-eun boireann. Tha a sgiathan leathann gearr; is geal an oirean cùl agus a h-earball mar an ceudna.

Àite-còmhnaidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S tric a chìthear an uiseag ag iadhadh air iteig san adhar os cionn a' mhonaidh ann an Alba. Tha e cuideachd a' gabhail còmhnaidh ann am fearann tuathanachais, ach tha àireamhan an eòin seo air a dhol sìos ann am Breatainn anns na 30 bliadhna a dh' fhalbh ri linn atharrachaidhean ann an dòighean-àiteachaidh. 'S e is adhbhar dha sin, gum bheil an uiseag a' dèanamh a nid air feur sa ghrunnd. Gheibhear uaireannan i a' neadachadh ann an raineach.

Uighean[deasaich | deasaich an tùs]

Is e ceithir uighean a bhios aig an uiseag mar is trice. Ach uair is uair bidh a' còig aig tè is tè dhiubh. Is e, An Uiseag-Mhuire, a theirear ris an uiseig aig am bi na còig uighean. Gu math tric, bidh fear de na h-uighean anns nach bi eun. Nuair a thig na h-eòin às na h-uighean eile, thèid an t-ugh anns nach robh rùn a chur às an t-sealladh air dhòigh air choireigin; agus theireadh daoine bho shean gur e "cur anns an deicheamh" a rinn an uiseag air. Tha seo a' nochdadh gu soilleir dhuinn gun robh an uiseag air a meas na h-eun beannaichte aig an àm ud.

An uiseag ann an dualchas[deasaich | deasaich an tùs]

Bha an uiseag air a meas na h-eun beannaichte anns na linntean a dh' fhalbh. 'S e an t-adhbhar sònraichte airson an robh meas cho mòr air an uiseag, a chionn 's gun robh i a' tòiseachadh ri gairm anns a' mhadainn Latha Fhèill Brìde. Bha i mar seo ag innse gun robh an t-Earrach air tighinn. Bha na daoine a bh' ann bho chionn trì cheud bliadhna a' fàilteachadh na h-uiseig le briathran cho math agus cho freagarrach 's a b' urrainn dhaibh a chur ann an altaibh a chèile.

Bheir an rann a leanas gnè de bheachd dhuinn air a' mhòr-mheas a bh' aig daoine air an uiseag. Tha dlùth air trì ceud bliadhna bhon a rinneadh an rann seo. Bha e mar chleachdadh aig daoine a bhith ga ghabhail anns a' mhadainn Latha Fhèill Brìde, an uair a chluinneadh iad an uiseag a' gairm.

"Air sgiathaibh siùbhlach an àird nan speur,
Tha 'n uiseag bheusach, bhreac-bhallach, chliùteach,
A' seinn a ciùil dhuinn le deagh ghleus;
A' toirt sgeul an Earraich às ùr dhuinn,
An dèidh ga ciùrradh le fuachd bròin;
A' taisbeanadh maise, agus ùmhlachd
Do'n Triùir a tha 'n àird nan nèamh;
Mar fhianais an aghaidh nan slogh,
'S mar dhearbhadh air glòir nan nèamh.
Tha ribheid a cleibh a' toirt urraim air gach ceòl.
Truailleachd nàdair no gnìomh làmh
Cha chuirear mar thàir air a h-eòin.
Craobh mheangannach, dhosrach
O dhuslach na talmhainn,
Mar sin an duine 's e falbh ann an ceò;
Gun subhailc, neo-bheusach làn truailleachd
Tha 'n duine fo bhuaireadh mar sgleò,
Far nach fuaraich an gaol,
'S am maireann an ceòl -
Muire nan gràs,
Peadair is Pòl agus Eòin.

Amen"

Cha chreachadh duine sam bith a thàinig gu gliocas an nead aice airson rud sam bith. Bha feadhainn eadhon a' meas gun robh e na pheacadh nead na h-uiseig a chreachadh. An àm treabhaidh, nan tachradh gum biodh nead na h-uiseig ann an talamh a bha gu bhith air a threabhadh, rachadh am ploc dhen talamh anns am biodh an nead a thogail leis a' chaibe, agus a chur an àite sàbhailte air uachdar an treabhaidh. Nam biodh an uiseag air tòiseachadh ri gur air na h-uighean, chan fhàgadh i bhuaipe idir iad; ach mur bhitheadh, cha rachadh i nan còir tuilleadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  • gun urra (18mh dhen Iuchar 1893): “An Uiseag,” ann an: Mac-Talla, td. 7. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.