Theodor Fontane

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Theodor Fontane
Kurzbio fontane05.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Prussia 1892-1918.svg Neuruppin 30 an Dùbhlachd 1819
Bàs Flag of the German Empire.svg Berlin 20 an t-Sultain 1898
Obair Cungaidhear, sgrìobhadair
Cànan Gearmailtis
Linn 19mh linn
Gluasadan Nobhailan, bàrdachd, poileataigs
Creideamh Pròstanach

Is e sgrìobhadair cliùiteach às a' Ghearmailt a tha ann an Theodor Fontane. Is e fiorachas bàrdail a tha ann an dòigh sgrìobhadh aige.

A Bheatha[deasaich | edit source]

Rugadh Heinrich Theodor Fontane 30mh den Dùbhlachd 1819 ann an Neu-Ruppin. Tha Neu-Ruppin anns an Iar thuath stàit Bhrandenburg anns a' Ghearmailt. Is e baile snog a th’ ann, faisg air loch miorbhallach, an Neu-Ruppiner See.

Bha bùth-chuingeadhan aig athair. Thogadh e anns a’ bhaile seo cuideachd, agus an dèidh dha an sgoil fhàgail, dh’ ionnsaich e an aon chuspair. Eadhon mar fhoghlainteach thòisich e air rannan a sgrìobhadh agus dheasaich e nobhail bheag, Geschwisterliebe ( 1839). Anns a’ bhliadhna seo fhuair e cosnadh ùr ann am bùth-chuingeadhan anns a’ bhaile Burg faisg air Magdeburg. Ann an 1844 agus 1845 b’ fheudar dha seirbheis armailteach a dhèanamh agus an uair sin fhuair e cuireadh do Shasainn. B’ e seo a’ chiad turas gun deach e do Shasainn ann an 1845.

Ann an 1848, shabaid e anns na sràidean airson pàrlamaid Ghearmailtich agus sgrìobh e ceithir artaigealan gus taic a thoirt do na radagaich an lùib ar a-mach sa Ghearmailt. An dèidh sin chuir Fontane roimhe an obair aige a chrìochnachadh agus tighinn beò mar sgrìobhadair. Sgrìobh e aithrisean poileataigeach agus rèic e iad don phàipear-naidheachd Dresdner Zeitung.

Ann an 1850 phòs e Emilie Rouanet-Kummer agus dh’ imrich iad a Bherlin. An toiseach bha iad gu math bochd air sgath’ s gun robh Theodor Fontane gun obair, ach fhuair e obair ùr ann an 1851. Bha sianar chloinne aig Theodor Fontane agus a bhean, ach chaochail ceathrar nuair a bha iad glè òg. Mhàir an nighean aca, Martha agus am mac, Frederic beò.

Drochaid briste aig Abhainn Tay

Eadar 1852 agus 1860 chaidh e a-rithist do Shasainn agus do dh’ Alba cuideachd, an uair sin chaidh e don Fhraing, don Dhanmhairg agus don Eadailt, don Ostair agus don Eilbheis eadar 1874 agus 1876. Chruthaich e nobhailan, baileadan agus sean-fhaclan, agus sgrìobh e cuideachd mu na tursan aige: aithrisean, rosg eile agus bàrdachd, a bharrachd air 250 rann. Dh' eadar-theangaich Fontane Hamlet bho Bheurla gu Gearmailtis ann an 1842 agus dheasaich e aiste mu thuras do dh’ Alba, Jenseit des Tweed, (1860) agus mu sgrioban ann an Sasainn agus ann an Alba, Wanderungen durch England und Schottland, (1844-1859). Is e rann ainmeil a tha am bailead Die Brück’ am Tay (sa Bheurla: The Bridge of Tay) (1880), far a bheil triùir taibhsean a' tarraing trèana à Dùn Eideann sìos far na drochaide.

Is e sgrìobhadair cliùiteach Gearmailteach a tha ann an Theodor Fontane, eadhon an-diugh. Chan eil clann anns a' Ghearmailt nach b’fheudar dhaibh an rann Herr von Ribbeck auf Ribbeck im Havelland ionnsachadh ann an sgoil, ach chìthear craobh nan peuran anns an rann gu ceart ann an Ribbeck, baile beag ann am Brandenburg.

Chaochail Heinrich Theodor Fontane 20mh den t-Sultain 1898 ann am Berlin.

Sgrìobh e iomadach leabhar agus nobhail agus seo cuid den fheadhainn às cudthromaiche:

Nobhailean, Sgeulachdan agus Rosg Eile[deasaich | edit source]

  • 1844–59: Wanderungen durch England und Schottland (A' coiseachd ann an Sasainn agus ann an Alba)
  • 1860: Jenseit des Tweed (Cunntas-turais à Alba)
  • 1862–88: Wanderungen durch die Mark Brandenburg (A' coiseachd ann am Mark Brandenburg)
    • Band 1: Die Grafschaft Ruppin
    • Band 2: Das Oderland
    • Band 3: Havelland
    • Band 4: Spreeland
    • Band 5: Fünf Schlösser (1881–88)
  • 1866: Der Schleswig-Holsteinsche Krieg im Jahre 1864
  • 1873: Der Krieg gegen Frankreich 1870–71
  • 1878: Vor dem Sturm (Ùirsgeul eachdraidheal)
  • 1879: Grete Minde (Nobhail bheag a-rèir seanachas à Altmark)
  • 1881: Ellernklipp (Sgeulachd muirt a-rèir leabhar-eaglaise Harz)
  • 1882: L'Adultera (Nobhail bheag)
  • 1883: Schach von Wuthenow. Erzählung aus der Zeit des Regiments Gensdarmes (Ùirsgeul eachdraidheil)
  • 1884: Graf Petöfy (Ùirsgeul)
  • 1885: Christian Friedrich Scherenberg und das litterarische Berlin von 1840 bis 1860 (faic cuideachd Christian Friedrich Scherenberg)
  • 1883–85: Unterm Birnbaum (Sgeulachd muirt)
  • 1887: Cécile (Ùirsgeul)
  • 1888: Irrungen, Wirrungen (Ùirsgeul)
  • 1890: Stine (Ùirsgeul)
  • 1890: Quitt (Ùirsgeul)
  • 1891: Unwiederbringlich (Ùirsgeul) ISBN 3-7466-5283-9
  • 1892: Frau Jenny Treibel oder „Wo sich Herz zum Herzen find't“ (Ùirsgeul)
  • 1894: Meine Kinderjahre (Fèin-eachdraidh)
  • 1896: Die Poggenpuhls (Ùirsgeul)
  • 1898: Der Stechlin (Ùirsgeul)
  • 1898: Von Zwanzig bis Dreißig (Fèin-eachdraidh)
  • 1906: Mathilde Möhring

Baileadan Agus Rannan[deasaich | edit source]

Sgrìobh Fontane a bharrachd air 250 rann, mar eisimpleir:

  • Archibald Douglas (1854)
  • Gorm Grymme (1864)
  • John Maynard (1885)
  • Silvesternacht

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Eadar-theangachadh gu Beurla le Hugh Rorrison agus Helen Chambers, Angel Books 1996 ISBN 0-946162-44-1, reissued by Penguin (in Penguin Classics) 2001 ISBN 0-14-044766-0
  2. Eadar-theangachadh gu Beurla agus cànanan eile: Translations

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | edit source]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: