Tashkent

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Tashkent

'S e prìomh-bhaile Usbagastàin a tha ann an Tashkent, (Cànan Usbagastàn: Toshkent, Тошкент, Ruisis: Ташкент). Anns a’ bhliadhna 2006 bha 2.1 millean duine (àireamh oifigeil) a' fuireach anns a' bhaile fhèin, ach canar gu bheil nas motha na 3 milllean daoine ann. Tha am baile suidhichte san àirde an iar de na beanntan Altai air an rathad eadar Chimkent agus Samarkhand. 'S e seo an co-chomharran aige: 41° 18’ Tuath agus 69° 16’ Ear

Fiach fhaicinn[deasaich | edit source]

Alisher Navoi Opera
Taigh-tasgaidh: Museum of Applied Arts
Taigh-tasgaidh: Amir Timur
Lùchairt: Prince Romanov
  • Chorsu Bazaar, faisg air Kukeldash Madrassa anns an seann bhaile Tashkent, 's e margadh cliùiteach a th' ann far an urainnear a h-uile ni a cheannachd.
  • Mosg Telyashayakh (Khast Imam Mosg). Tha am pìos as aosta den Churàn a tha ann air feadh an t-Saoghail ri fhaicinn an-seo. Chaidh an Churàn (Qur’ān, Arabais: القرآن ‎ al-qur'ān) a sgrìobhadh le Muhammad.
  • Yunus Khan Mausoleum, taigh-adhlacaidh às an 15mh linn
  • Palace of Prince Romanov, lùchairt às an 19mh linn, dh’fuirich Nikolai Konstantinovich (1850-1918) an seo.
  • Alisher Navoi Opera and Ballet Theatre, taigh-cluich far a bheil ballet agus opra Ruiseach ri fhaicinn.
  • Fine Arts Museum of Uzbekistan, taigh-tasgaidh
  • Museum of Applied Arts, taigh-tasgaidh le dealbhan às an 19mh linn agus às an 20mh linn
  • History Museum, an taigh-tasgaidh as motha ann an Tashkent, taisbeanadh mu eachdraidh na dùthcha
  • Amir Timur Museum, taigh-tasgaidh le gàradh cliùiteach.
  • Navoi Literary Museum , leabharlan le seann leabhraichean. Tha na leabhraichean a sgrìobh Alisher Navoi, an sgrìobhadair as ainmeile ann an Usbagastàn, rim faicinn an seo cuideachd.

Tha mòran oilthighean agus sgoiltean ann an Taschkent, m.e:

  • Oilthigh teicneòlas Tashkent
  • Oilthigh nàiseanta Usbagastàin,
  • Kelajak Ilmi, Sgoil malairteach eadar-nàiseanta [1]
  • Sgoil ionmhasail Tashkent
  • Sgoil nàiseanta eòlas lagha

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Iomradh[deasaich | edit source]

  1. Kelajak Ilmi
  2. Stadt Berlin
  3. SisterCities

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: