Sokrates

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Sokrates[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbh Sòcraitèas, leath-bhreac Romanach bho dh’ìomhaigh Greugach, taigh-tasgaidh Louvre

B' e Sokrates (às Greugais Σωκράτης Sōkrátēs) (470 RC - 399 RC) feallsanaiche cudromach Greugach. Dh’fhuirich e anns a’ bhaile mhòr An Àithne. Mar fheallsanaiche, bha ùidh aig Sòcraitèas air beus-eòlas. Chuir e ceistean mu dheidhinn dhaoine, mar eisimpleir, ciamar a bhios duine math gu fìor. 'S ann tric a dh’fhaighnicheadh e ceist le ceist eile na bu dhoimhne. Na linn-sa, b'e sin dòigh ùr airson comhaichidhean an toirt am follais. Anns an là an-diugh, 's e "am modh Sòcraiteach" a chanas sinn ris.

'S ann tric a chanar air Sokrates gum b'e ‘Athair na feallsanachd siar’ ged nach do sgrìobh e sion de dh’fheallsanachd a-riamh. 'S e as coireach ri sin gum b’e na h-obraichean de Phlatòn, an t-oileanach aig Sokrates, agus na h-obraichean de dh’Arastotail, an t-oileanach a bhiodh aig Platòn, nan obraichean a bu chudromaiche ann am feallsanachd fad còrr 's mìle bliadhna.

Beatha Sòcraitèas[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil mòran de dh’fhios againn mu dheidhinn beatha Shokrates. Bha e beò cho fada air ais 's nach eil fiosrachadh dha-rìribh againn mu a dheidhinn. Tha sgeulachdan cudromach againn o dhuine no dhà a bha beò aig an àm siud. 'S iad na càraidean aig Sokrates (mar Platòn, agus Xenophon, eachdraiche Greugach) a bh’ ann a' chuid dhiubh, agus 's e daoine a dhèaneadh sgeig air Sokrates a bh’ann a’ chuid eile (mar Aristophanes, a sgrìobh cleasan-chluich).

Cho fada as aithne dhuinn, cha do sgrìobh Sokrates fhèin leabhraichen idir. Sgrìobh an t-oileneach aige, Platòn, mu dheidhinn a bheatha, a smuaintean, agus cuideachd a bhàs. 'S e am prìomh-bhun againn air Sokrates a th’ ann am Platòn.

Thuirt Plato gum b’e Sophroniscos an athair aig Sokrates, agus gum b’e Phainarete an t-ainm a bh’ air a mhathair. Bha a mhathair na banaltram neo bean-ghlùine, a chuidich do bhoireannaich ann a bhith a’ breith am leanabhan. Dh’fhaoidte gun d’thuirt Sòcraitèas gum b’e eisimpleir a mhathair a thug airsan cuideachadh do dhaoine ann a’ bhith a bheir smuaintean 's beachdan ùra.

Bha Sokrates pòsta ri boireannach fada na b' òige air an robh Xanthippe mar ainm. Bhathar ag ràdh gur ann tric a dh’fhàsadh i feargach leis agus gun robh i ainneartach aig uairean. Chan eil fios nan robh am pòsadh aca sona, ach bha triùir chloinne aca co-dhiù.

Their fear de na bunaichean gun robh Sokrates na chlachair. Chan eil fhios cò-dhiu gur fhìor sin gus nach fhìor. Thathar ag ràdh cuideachd gun do shabaidich e mar shaighdear airson Na Àithne ann an trì chogaidh, 's gun robh e gaisgeil anns a’ bhlàr.

Chuir Sokrates an fhearg air móran, 's docha le bhith ro dh’onarach. Chanadh e na bha e a’ smaoineachadh, agus 's ann tric a chanadh e rudan air nach roch daoine airson cluinntinn. Sheall e nach robh fhios aig feadhainn de dhaoine a bha gu math cumhachdach. Chuireadh iad ‘creithleag’ air, airson a còmharrachadh gur e duine draghail a bh’ann nam beachdan-sa.

Tha sgeulachd ann gun do dh’fhaighnich càraid aig Sokrates dhen ‘oracail’ (càileach naomh do na Greugaich o shean, dham b’urrainn a bhith a bruidhinn ri na diathan, a reir creideimh) an robh duine sam bith ann a bha na bu ghlice na Sokrates anns An Àithne. Thuirt an t-oracail nach robh duine ann na bu ghlice. Bha an t-oracail ainmeil airson a’ bhith ag ràdh rudan nach robh cho soilleir. Thuirt Sokrates an còmhnaidh nach robh fios sam bith aige air sion, agus cha do chreid e an t-oracail. Chaidh e do na daoine as glice anns An Àithne airson ceistean a chur orra. Aig a’ cheann-thall, dh’ionnsaich Sokrates gun robh esan dha-rìribh na bu ghlice, chionn 's gun do chreid na daoine eile gun robh fhios aca, ged nach robh. Mar sin, b’e Sokrates an aona duine a bha fiosrachail air a chuid aineolas-fhèin, agus mar sin, am fear a bu ghlice.

Mar bhodach, 's ann tric a bhiodh Sokrates a’ bruidhinn le fìreannaich òga agus balaich agus a’ feuchainn rin teagasg. Theagasg e do na daoine òga a bhith a’ cur cheistean air ùghdarrasan agus a bhith a’ smaoineachadh dhaibh-fhèin. Mu dheireadh, chuir na nàimhdean cumhachdach aig Sokrates casaid air airson ‘coirbteachd de na h-òigridh’. Thug iad binn bàis air, le bhith ag òl puinnsean.

Bàs Shokrateis le Jacques-Louis David (1787)

Smuaintean Shokrateis[deasaich | deasaich an tùs]

Cha robh ùidh aig Sokrates ach ann a' bheus-eòlas. Bha Sokrates ag ràdh nach e ach eòlas a th’ anns na subhailcean, eòlas air ge dè bu choir dhuinn a dhèanamh. Bha e ag ràdh cuideachd gu bheil na daoine gu bunaiteach math, 's nach e ach aineolas as coireach gum bi daoine a’ dèanamh olc. Chuir Sokrates cuideam air fèin-theagamh agus fèin-sgrùdadh. 'S ann tric a thèid na faclan “Chan fhiach a’ bheatha mì-sgrùdaichte a mhaireann” a cur às leth Sokrates.