Immanuel Kant

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Immanuel Kant

B' e feallsanaiche Gearmailteach a bh' ann an Immanuel Kant a bha beò aig àm an t-Soillearachaidh.

Beatha[deasaich | edit source]

Rugadh Immanuel Kant ann an 1724 ann an Königsberg. Bha 9nar cloinne san teaghlach. 'S e teaghlach sìmplidh a bh' ann; bha athair a' dèanamh dhìollaidean mar chosnadh. Bha an teaghlach glè chreidmheach, agus bha buaidh làidir aige sin air an fheallsanachd aige. Bha an diadhaidheachd mòr ann an Gearmailt an ath-leasachaidh am measg nan clasaichean ìosal, agus bha obair chruaidh, dìcheall agus ùrnaigh mòr aig an àm. Cha do chòrd e ris dol dhan sgoil air sgàth 's gun robh iad uabhasach teann orra an sin agus dh'ionnsaich e smachd air fhèin an sin agus bha buaidh aige sin air mòraltachd Kant fad a bheatha.

Nuair a bha e na bu shine, bha beatha riaghailteach aige agus chum e gu teann ri clàr-ama riaghailteach aige fhèin. Aig an oilthigh rinn e matamataig agus dynamics. Bha e doirbh dha cosnadh fhaighinn aig an oilthigh agus mar sin rinn e beòshlaint le teagasg leasanan prìobhaideach. Fhuair e obair aig an oilthigh mu dheireadh thall agus ged a bha e a' leughadh iomadach cuspair, 's ann ann an logic a rinn e ollamhachd agus dh'fhàs an ùidh aige ann am feallsanachd. B' e Kant a' chiad fheallsanach aig an robh dreuchd aig an oilthigh mar fheallsanach. Cha robh e dìreach a' leasachadh na feallsanachd aige fhèin ach bha e fìor eòlach air eachdraidh na feallsanachd agus bha e ga teagasg. Ann an 1781 dh'fhoillsich e an sgrìobhadh as motha agus as ainmeil aige Kritik der reinen Vernunft.

Bhàsaich e aig toiseach na linne romansaiche ann an 1804 agus air sgàth 's gun do chuir e crìoch air an strì eadar na h-empiricichean agus na reusanaichean, thathar ag ràdh gun do chuir e crìoch air linn feallsanachd.

Feallsanachd[deasaich | edit source]

'S e aon de na feallsanaichean Eòrpach as cudromaiche a bh' ann agus leis-san thòisich sealladh ùr feallsanachail aig an robh buaidh mhòr air beachdan nam bliadhnaichean mòra às a dhèidh. 'S e feallsanaiche an t-Soillearachaidh a bh' ann agus chuir e cuideam mòr air reusan, ged a chaidh e an aghaidh feallsanachd le reusan a-mhàin. Tha e ainmeil airson a ràdh “Bi dàna an reusan agad a chleachdadh”. Gu ruige na 1760an thathar a' cur Kant am measg nan reusanaichean agus bha buaidh aig Leibnitz agus Wolff air. Às dèidh sin dh'atharraich an fheallsanachd aige agus tha e a' càineadh reusan a-mhàin.

Ann am feallsanachd Kant tha ceithir ceistean a' nochdadh air a bheil e ag obair gus freagairtean agus fuasglaidhean a lorg.

  • Dè an t-eòlas as urrainn a bhith agam? – Epistimeòlas
  • Dè bu chòir dhomh a dhèanamh? – Mòraltachd
  • Dè bu chòir dhomh a bhith an dùil ris? – Feallsanachd Creidimh
  • Dè th' ann am mac an duine? – Antropeòlas

Epistimeòlas[deasaich | edit source]

Ro Kant bha feallsanaich den bheachd gun tig epistimeòlas bho reusan a-mhàin, mar Descartes agus Spinozsa, air no às na ciad-fàthan a-mhàin, mar a bha Locke, Hume is Berkely a' smaoineachadh. Tha Kant a' tighinn gu fuasgladh eadar an dà bhuidhinn a bha a' deasbad epistimeòlas gu ruige sin. Bha Kant den bheachd gun robh na ciad-fàthan agus reusan ag innse cò ris a tha an saoghal coltach. Bha e den bheachd gum feum sinn an dà chuid airson dealbh fhaighinn air an t-saoghal. Tha an reusan againn a' stiùireadh na dòigh sa bheil sinn a' mothachadh an t-saoghail.

Chaidh e le Berkeley a bha ag ràdh nach eil tìm agus fànas a' crochadh air na ciad-fàthan againn, ach gum faigh iad cruth aon uair 's gu bheil iad anns a' mhothachadh (consciousness) againn. Bha Kant den bheachd gur e feartan ar beatha fhèin a bhios ann an tìm agus fànas agus nach bi iad a' buntainn ris an t-saoghal. Bithidh an stuth ag atharrachadh a rèir nan ciad-fàthan agus an rathad eile. Bha a' bheachd seo cho ùr 's gun canar copernican revolution ris, oir bha e ùr gun deach cuideigin an aghaidh reusian le rudeigin nach robh empiriceach.

Bha e a' smaoineachadh nach urrainn do fios a bhith againn cò ris a tha an saoghal coltach. Ach bithidh fios againn cò ris a tha an saoghal coltach dhuinne. Bha e a' dèanamh sgaradh eadar stuth mar a tha e, agus stuth mar a tha e dhuinne. Ach chaidh Kant nas fhaide na Berkeley agus bha e den bheachd gu bheil smuaintean gun susbaint falamh, mar sin is fheudar ciad-fàthan a bhith aig an smaoineachadh gus seo a lìonadh. Ach air an taobh eile tha feum againn air bun-bheachdan gus rudeigin a dhèanamh leis an stuth a tha sinn a' mothachadh, no cha bhiodh sinn ag aithneachadh dad (ga chur ann an co-theagsa anns an inntinn).

Mar sin thàinig e suas leis an teòirig gu bheil dà sheòrsa breith (Gearmailtis Urteil) ann: a priori agus a posteriori. Tha na breithean a priori (ro làimh) stèidhichte air an reusan a-mhàin, a dh'aindheoin a h-uile ciad-fàth, agus le sin tha iad deimhinne (an-còmhnaidh fìor). Tha na breithean a posteriori (às dèidh làimh) stèidhichte air fèin-fhiosrachadh, agus mar sin tha iad cuingealaichte agus mì-chinnteach agus cha ghabh an cur air a h-uile suidheachadh.

Kritik der reinen Vernunft, prìomh dhuilleag an leabhair, 1781

Bha Hume den bheachd nach urrainn do mhac an duine an lagh adhbharach a mhothachadh. Chan urrainn dhuinn mothachadh gu bheil rudeigin a' tachairt air sgàth rudeigin eile. Bha Kant den bheachd gur e pàirt de reusan a th' anns an lagh adhbhrachaidh dìreach air sgàth 's gun tachair e an-còmhnaidh, chan ann dìreach aon turas nuair a chì sinne e. 'S e pàirt de ar n-inntinn a th' ann (eisimpleir de bhall a' tighinn a-steach a sheòmar. Bidh sinn a' coimhead an toiseach cò às a thàinig e. Cha dèan cat sin.

Mòraltachd (Gearmailtis Ethik) Nochd cuspair na mòraltachd gu goirid anns an Kritik der reinen Vernunft agus ann an 1785 leasaich Kant na beachdan aige air mòralatachd anns an leabhar Grundlegung zur Methaphysik der Sitten (Bun-bheachdan air feallsanachd mhòralta) far a bheil an Kategorischer Imperativ (reachd deimhinne) tighinn gu bith. 'S i a' cheist “Dè bu chòir dhomh dèanamh” a' cheist bhunasach ann am mòraltachd Kant.

Kategorischer Imperativ: An reachd deimhinne[deasaich | edit source]

Ro Kant bha Hume den bheachd nach eil fianais againn air dè tha ceart agus dè tha ceàrr. Bha e den bheachd nach eil e comasach don reusan no na ciad-fàthan againn innse dhuinn dè tha ceart is ceàrr, ach gur e na faireachdainnean a nì sin. Cha do dh'fhoghainn sin do Kant agus chaidh e gu ìre leis na reusanaichean a thuirt gu bheil “ceartas” san reusan agus gu bheil FIOS aig a h-uile duine dè tha ceart. Agus tha e an sin air sgàth 's gun d' rugadh sinn le reusan agus gu bheil “ceartas” am broinn reusain. Anns na faclan aig Kant tha reusan pragtaigeach againn uile a dh'innseas dhuinn dè tha mòralta agus dè nach eil. Agus tha e fìor anns a h-uile suidheachadh dìreach mar a tha riaghailtean fiosaigeach agus matamataigeach. Tha an lagh mòralta aige fìor gu sìorraidh, an-còmhnaidh, anns a h-uile h-àite agus don a h-uile duine (reachd. Tha e ag innse dhuinn mar a bu chòir dhuinn a bhith anns a h-uile suidheachadh. 'S e Kategorischer Imperativ a chanas e ri sin. Tha kategorisch a' ciallachadh “gu deimhinne”, gu bheil e a' cunntadh anns a h-uile suidheachadh, agus Imperativ gur e reachd a th' ann agus mar sin riatanach. Anns an reachd deimhinne seo tha e ag ràdh “Dèan na rudan cho fad 's a tha an riaghailt a tha air cùlaibh an rud seo math gu leòr airson a bhith na lagh deimhinne”. Tha an reachd deimhinne ga roinn ann an 3 prionnsabalan a tha a' gabhail a-steach laghan nàdarra, laghan farsaing agus lagh air giùlan le daoine eile. Le sin tha e a' cur uallach air an duine fa-leth ceart agus ceàrr a lorg anns an reusan aca fhèin.

Ann an Sofies World tha Gaarder ag ràdh nach e ach ar cogais a th' anns an lagh mhòralta aig Kant. Chan urrainn dhuinn ràdh dè tha anns a' chogais againn ach nuair a chleachdas sinn e, tha fhios againn gu bheil e ann10. Agus dìreach ma leanas sinn ar beatha a rèir an lagh mhòralta sin, tha sinn a rèir Kant beò ann an saorsa. Agus dìreach ma tha saorsa againn, tha saor-thoil againn.

Tha Kant den bheachd gur e creutair tuigseach a th' ann an duine agus gu bheil sinn comasach smaoineachadh le reusan agus co-dhùnaidhean a dhèanamh às aonais buaidh nam ciad-fhàthan agus faireachdainnean. Air sgàth sin tha e a' smaoineachadh gu bheil fèin-riaghladh againn agus nach eil duine no creutair eile gar riaghladh.

Feallsanachd Creidimh[deasaich | edit source]

Thogadh Kant ann an teaghlach glè chreidmheach agus dh'fhàg sin buaidh air an fheallsanachd chreidimh aige. Tha e den bheachd nach urrainn fios a bhith againn a bheil Dia ann air sgàth 's gu bheil an reusan ag obair taobh a-muigh nas urrainn dhuinn mothachadh. Chan fhaca duine a-riamh Dia agus chan eil reusan a' toirt dhuinn fianais sam bith gu bheil e ann no nach eil. Ach leis gu bheil e na Chrìosdaidh tha e a' smaoineachadh gum biodh e ceàrr a ràdh nach eil Dia ann. Tha saorsa againn creidsinn agus le sin tha creideamh a' leantainn mòraltachd agus 's e na riaghailtean mòralta àithnean Dhè. Tha Kant teagmhach mu dheidhinn cleachdaidhean gnàthach na h-eaglaise agus e gam faicinn mar chlèireachas (Pfaffentum). Is beag an t-iongnadh nach deach sin sìos cho math agus às dèidh dha Die Religion innerhalb der Grenzen der bloßen Vernunft fhoillseachadh ann an 1793 agus 1794 chuireadh casg air barrachd den t-seòrsa sin fhoillseachadh. Chum e ri sin gu ruige bàs an rìgh, ach às dèidh sin chum e air a bheachd a chur seachad anns an deasbad seo.

Antropeòlas[deasaich | edit source]

Bha Kant a' sgrùdadh na ceist dè th' ann am mac an duine air taobh nan saidheansan mar saiceòlas, neuroeòlas, rannsachadh cinneachd. Le sin tha e a' rannsachadh air faireachdainnean, tuigse agus miann agus a' smaoineachadh mu fhèin-mhothachadh, na ciad-fàthan agus an inntinn/mac meamna. Tha Kant a' dèanamh diofar eadar boireannaich agus fireannaich agus e den bheachd gu bheil boireannaich làidir ann am faireachdainnean agus gun a bhith cho reusanta ris na fireannaich. Rinn e cuideachd seòrsachadh anns na nàiseanan mòra (Frangaich, Sasannaich, Spàinntich Eadailtich agus Gearmailtich), a thaobh diofar fheartan. Sheòrsaich e cuideachd na daoine air feadh an t-saoghail ann an diofar chineal. Rinn e rangachadh de na sìlidhean leis na daoine geala air a' mhullach, na daoine “buidhe” às na h-Innseachan san dàrna àite, às dèidh sin na daoine dubha à Afraga agus mu dheireadh na tùsanaich Ameireaganach. Bha e den bheachd gun tàinig na diofaran sin bhon aimsir dhiofraichte anns na h-àiteachan sin. Aig an deireadh thuirt e gun robh mac an duine diofraichte bho bheathaichean air sgàth 's gu bheil reusan againn. Tha reusan gar fàgail comasach dol an aghaidh an uilc agus dol nar comann daonna.

Buaidh[deasaich | edit source]

Le Kant dh'atharraich an dòigh san robhar a' smaoineachadh mu dheidhinn eòlas agus leis an eòlas nach urrainn fios a bhith againn mu stuth ach mar a tha e dhuinne ("Copernican revolution"). Bha buaidh mhòr aige cuideachd air mòraltachd agus saorsa agus an dòigh a bu chòir daoine iad fhèin a ghiùlan ri daoine eile. Bha buaidh aige air na feallsanaich Reinhold, Fichte, Schelling, Hegel ann an leasachadh an idealism Ghearmailtich. Bha Hegel a' togail air mòraltachd Kant, bha e ga chàineadh ann an dòigh agus an uair sin a' cur ris, chaidh Hegel le cuid de na bun-bheachdan aig Kant ged-thà.

Tùsan[deasaich | edit source]