Sgorr Ruadh

O Uicipeid
Sgorr Ruadh

Sgorr Ruadh bho thaobh an ear
Àirde (m) 962
Àirde (tr) 3,156
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgorr Ruadh is located in Alba
Sgorr Ruadh
Sgorr Ruadh (Alba)
Suidheachadh Achadh na Seileach
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NG95945048

'S e beinn eadar Achadh na Seileach agus Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgorr Ruadh. Tha e 962 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Gleann Carrann agus Gleann Toirbheartan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air dath na beinne a gheibh i bhon Chlach-ghainmhich Thoirbheartanach às a bheil i.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho stèisean Achadh na Seileach dhan iar-thuath[1]. Bidh cuid ga cheangal le Beinn Liath Mhòr air taobh eile Coire Làir.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Toirbheartan, Eilean Ratharsair, An t-Eilean Sgitheanach, A' Chomraich, Srath Carann, Loch Carrann agus Beinn Eighe.


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sgorr Ruadh air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: