Clach-ghainmhich Thoirbheartanach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Clach-ghainmhich Thoirbheartanach; ann an orainds

Tha clach-ghainmhich Thoirbheartanach na clach ghrùideach ghainmhich. Chaidh a' chlach a chruthachadh anns an linn Proterozoic, mu 1.200 is 544 millean bliadhna sa chaidh. Bha grùid à Graonlainn air a toirt a-steach tarsainn Alba le seann aibhnichean, gu h-àraidh air oir shiaraich an tìr-mhòir is pàirt den Eilean Sgitheanach agus air a chòmhdachadh an gneiss a bha ann roimhe sin. Air sgàth gluasadan tectonic tha cuid de na clachan nan laighe fon mhuir a-nis, agus feadhainn eile a' nochdadh mar bheinn.

Tha i gu math cumanta air costa an iar-thuath na Alba, gu h-àraid ann an Gallaibh, chìthear deagh eisimpleirean ann an Asaint agus ann an Ros agus Cromba. Rud beag nas deasaiche tha i ri faicinn anns a' Chomraich, ann an Ratharsair is na h-Eileanan Cròlainneach, ann an Rùm, Sòdhaigh agus ann an Sgalpaigh an t-Sratha.

Canar gun tàinig an t-ainm bho Loch Thoirbheartain; cleachd James Nicol e airson a' chiad turais airson na clachan seo.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]