Seumas MacBhatair
Is e saor-innealan-thomhais, innleadair agus fear-mhalairt a bha ann an Seumas MacBhatair (Beurla: James Watt) (19 am Faoilleach 1736 - 25 an Lùnasdal 1819). Rugadh e ann an Grianaig, far an robh a h-athair na bhàillidh agus na fhear-togail thaighean is bhàtaichean. Dh'eug e aig aois de 83 bliadhna ann am Birmingham, Shasuinn.
Cha robh deagh shlàinte aige nuair a bha e na bhalaich is dh'fhuair e foghlum tràth 'on mhàthair mun deach e gu sgoil gràmair. Chaidh e an 1753 gu Glaschu 'son tàilleabhachd agus an 1755 gu Lunnainn, thill e gu Glaschu aig aois 21 a dh'fhosgail bùth aig Oilthigh Ghlaschu airson dèanamh agus càradh innealan-thomhais matamataigeachd. Is anns a' cheàird sin a bha e nuair a chaidh iarraidh air a chuir an ghleus samhail de dh'inneal Newcomein a bha an seilbh roinn Feallsanachd Nàdurra ach nach dh'obraich gu cheart. Is anns an iomairt a charaich an t-inneal siud a chruthaich e ciste fa-leth airson fuaradh agus dlùthadh stotha. Leis a' chiste-dhluthaidh an staid falamhantas, nan chuireadh an ciste-dhluthaidh an co-radhas leis an t-siolandair làn stotha, teicheadh stotha bhon t-siolandair dhan chiste-dhluthaidh - far an rachadh a dlùthadh ri uisge-gleidheadh mar sin falamhantas a' chiste-dhluthaidh agus aobhraicheadh anns an t-siolandair an falamhantas a bha dith a dh'obraich an t-inneal.
Is e an dluthadair (ciste-dhluthaidh) fa-leth agus am brèbhet a chlàraich e air an son a bha na bhun-stèidh d'a fhortan.