Seasaidh NicLachlainn

O Uicipeid
Seasaidh NicLachlainn
Beatha
Breith An t-Òban, 18 dhen Ògmhios 1866
Dùthaich  Alba
Bàs 13 dhen Chèitean 1916
Àite-adhlacaidh Cladh Choille Chart
Dreuchd
Dreuchd seinneadair
Nàdar a’ ghutha soprano
Inneal-ciùil guth

B' e seinneadair à Alba a bha ann an Seasaidh NicLachlainn (no Seònaid NicLachlainn a-rèir a clach-uaigh; Beurla: Jessie MacLachlan).

Tha i ainmeil air sgàth 's gun robh i a' chiad seinneadair a ghabh òran anns a' Ghàidhlig air chlàr ann an 1899. Rugadh i ann an 1866 agus thogadh i anns an Òban agus athair dhi à Muile agus a màthair à faisg air an Òban. Nuair a bha i na deugaire ghluais i do Ghlaschu agus b' e seo far an robh i air an àrd-ùrlar airson a' chiad turais. Dh'fhàs i ainmeil agus ise a' gabhail òrain opara cuideachd - mar eisimpleir sheinn i ann an Caisteal Bhaile Mhorail anns na 1890an. Chaochail i ann an Glaschu dìreach an dèidh dhi a thilleadh bhon Fhraing anns a' Chogadh Mòr. Chaidh a tìodhlacadh ann an Cladh Cathcart ann an Glaschu.[1]

Bha iomairt anns an Dàmhair 2020 airson a clach-uaigh, a bha ann an droch stàit, a chàradh.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Prògram Choinnich - MacLachlan, Jessie”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 10mh dhen Lùnasdal 2023.
  2. Wolff, Andreas: “Iomairt airson uaigh Sheasaidh NicLachlainn a chàradh”, Naidheachdan a' BhBC. 16mh dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 10mh dhen Lùnasdal 2023.