Roinn Eilbheiseach

O Uicipeid

‘S e buidheann poiliteagach riaghladh anns An Eilbheis a th’ann an Roinn Eilbheiseach (Eadailtis: Cantone, Fraingis: Canton, Gearmailtis: Kanton, Rumantsch: Chantun). Tha Co-fhlaitheas na h-Eilbheis air a stèidheachadh air siostam na roinnean sin. Ghabh An Eilbheis leis an t-siostam gu math feadarail na roinnean sin mar a tha iad an latha an-diugh ann an 1848 is bha airgead, feachdan armachd agus crìochan aig na roinnean ro làimhe co-dhiù.[1] Ged an robh iad uile am broinn, gu beachdail, Iompaireachd Naomh Ròmanach nan Gearmailteach (Laideann: Sacrum Romanum Imperium), bha iad air a bhith neo-eisimeileach bhon a chuir An Eilbheis ruaig air arm an Iompaire Maximilian I ann an 1499. Tha structar agus cruth nan roinnean uabhasach eadar-dhealaichte, bho dìreach 37km² gu ruige 7,105km², is àireamhean-sluaigh cho beag mar 14,000 air a’ char as lugha gu ruige còrr is 1,200,00 ann an Zürich. ‘S e leis na roinnean a tha a h-uile dleastanas poiliteagach nach eil air a sgrìobhadh ann an Bun-Reachd na dùthcha, is ‘s e na roinn a cho-dhùineas na dleastanasan a bheirear dha na bailtean: le sin, tha diofaran mòra ann taobh na cumhachdan a tha aig na bailtean bho roinn gu roinn. Bidh dà roinn a chumail an Deamocrasaidh fosgailte poblach gus an latha an-diugh.[2]

Fiosrachadh Roinneil[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 23 anns an Eilbheis, is trì dhuibh nan leth-roinnean (Basel, Appenzell agus Unterwalden), ann an dà chuid air adhbharan eachdraidheil mar Unterwalden agus Appenzell, agus air sàilleabh diofaran taobh fàs eaconamach eadar am baile mòr agus an dùthaich, mar Bhasel.

Seula
Còd Roinn Bho Prìomh-bhaile Àireamh-sluaigh Farsaingeachd Dlùths Bailtean Cànan Oifigeil
Seula Zürich ZH Zürich 1351 Zürich 1,371,007 1,729 701 171 Gearmailtis
Seula Bhern BE Bern 1353 Berne 979,802 5,959 158 383 Gearmailtis, Fraingis
Seula Luzern LU Luzern 1332 Luzern 377,610 1,493 233 87 Gearmailtis
Seula Uri UR Uri 1291 Altdorf 35,422 1,077 33 20 Gearmailtis
Seula Schwyz SZ Schwyz 1291 Schwyz 146,730 908 143 30 Gearmailtis
Seula Obwalden OW Obwalden 1291 neo 1315 (mar phàirt Unterwalden) Sarnen 35,585 491 66 7 Gearmailtis
Seula Nidwalden NW Nidwalden 1291 (mar Unterwalden) Stans 41,024 276 138 11 Gearmailtis
Seula Ghlarus GL Glarus 1352 Glarus 38,608 685 51 3 Gearmailtis
Seula Zug ZG Zug 1352 Zug 113,105 239 416 11 Gearmailtis
Seula Fhribourg FR Fribourg 1481 Fribourg 278,493 1,671 141 167 Fraingis, Gearmailtis
Seula Sholothurn SO Solothurn 1481 Solothurn 256,888 790 308 122 Gearmailtis
Seula Bhasel-Stadt BS Basel-Stadt 1501 (mar Bhasel gu ruige 1833/1999) Basel 191,542 37 5,072 3 Gearmailtis
Seula Bhasel-Landschaft BL Basel-Landschaft 1501/1833 Liestal 275,536 518 502 86 Gearmailtis
Seula Schaffhausen SH Schaffhausen 1501 Schaffhausen 76,356 298 246 27 Gearmailtis
Seula Appenzell Ausserrhoden AR Appenzell Ausserhoden 1513 Herisau 53,017 243 220 20 Gearmailtis
Seula Appenzell Innerrhoden AI Appenzell Innerhoden 1513 Appenzell 15,688 173 87 6 Gearmailtis
Seula St. Gallen SG St. Gallen 1803 St. Gallen 478,907 2,026 222 85 Gearmailtis
Seula Ghrischuns GR Grischuns 1803 Ciura 192,621 7,105 26 180 Gearmailtis, Rumantsch, Eadailtis
Seula Aargau AG Aargau 1803 Aarau 612,611 1404 388 220 Gearmailtis
Seula Thurgau TG Thurgau 1803 Frauenfeld 244,330 991 229 80 Gearmailtis
Seula Thicino TI Ticino 1803 Bellinzona 333,753 2812 110 157 Eadailtis
Seula Vaud VD Vaud 1803 Lausanne 713,281 3212 188 339 Fraingis
Seula Valais VS Valais 1815 Sion 312,684 5214 53 143 Fraingis, Gearmailtis
Seula Neuchâtel NE Neuchâtel 1815/1857 La Chaux-de-Fonds 172,021 803 206 53 Fraingis
Seula Ghenève GE Genève 1815 Genève 466,536 282 1,442 45 Fraingis
Seula Jura JU Jura 1979 Delémont 70,197 839 82 64 Fraingis
Seula na h-Eilbheis CH An Eilbheis Berne 7,593,494 41,285 174 2,596 Gearmailtis, Fraingis, Eadailtis, Rumantsch

Ceanhlaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dictionnaire Historique de la Suisse
  2. ISIL