Sion
O Uicipeid
Sion
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn Eilbheiseach | |||||
| Cànan | Fraingis | ||||
| Co-chomharran | 46° 13 40′ Tuath 07° 21 31′ Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 25.62 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 30,363 (2010) | ||||
| Dlùths | 1,185.13/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 41 31 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://www.sion.ch | ||||
‘S e baile meadhanach air an àirde an iar-dheas na h-Eilbheis a th’ ann an Sion (Gearmailtis: Sitten, Laideann: Sedunum). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Dùn nan Seadunach, bhon fhacal Ghallais dunum agus Sedunii, ainm an treubh Cheilteach aig an robh an dùn o shean. Tha e suidhichte aig 469m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Rhône, anns an roinn (Fraingis Canton) Valais, 155km air falbh bho Zürich, 91km bho Ghenève agus dìreach 80km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 30,363 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 20mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Sion.
Susbaint |
Daoine Ainmeil [deasaich]
- Fernand Dubuis (1908 – 1991) Dealbhadair.
- Patrick Devanthéry (1954): Ailtire.
- Marc Aymon (1982): Seinneadair.
- Gilberte Favre (1945): Sgrìobhadair.
- Frédéric Mermoud (1923 – 2003) Riochdair fiolmaichean.
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ World Gazetteer
- ↑ Fiosrachadh mu dheidhinn Cholón
- ↑ Stadt Wiblingen