Robert Louis Stevenson

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Robert Louis Stevenson
Rsl1.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Scotland.svg Dùn Èideann 13 an t-Samhain 1850
Bàs Flag of Samoa.svg Vailima 3 an Dùbhlachd 1894
Obair Litreachas
Cànan Beurla, Beurla Ghallta
Linn 19mh linn
Creideamh Pròstanach, Neo-dhiadhaire

Bha Robert Louis Balfour Stevenson (Dùn Èideann, 13 an t-Samhain 1850Vailima, 3 an Dùbhlachd 1894) na sgrìobhaiche Albannach. 'S iad na sgrìobhaidhean as ainmeile aige na nobhailean Treasure Island agus Kidnapped agus an sgeulachd Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Robert Lewis Balfour Stevenson ann an Dùn Èideann, mac do Thomas Stevenson, neach-togail thaighean-solais, agus a bhean Margaret Isabella. Cha robh broilleach slàn aig a mhàthair, agus bha Stevenson tinn gu tric na ghille agus na inbheach. Anns an t-Sultain 1867, thòisich e ionnsachadh innleadaireachd ann an Oilthigh Dhùn Èideann, ach cha robh ùidh aige anns a' chuspair, agus bho 1871 bha e ag ionnsachadh airson fear-lagha fhàs. Chrìochnaich e an t-ionnsachadh anns an Iuchar 1875, ach cha robh e ag obair na fhear-lagha riamh; bha e a' siubhal agus a' sgrìobadh an àite sin.

Ann an Grez ann an 1876, thachair e ri Fanny Vandergrift Osbourne (1840 - 1914, a rugadh ann an Indianapolis, bean do Samuel Osbourne nuair a choinnich e rithe), agus ghabh e gaol oirre an ath bhliadhna, nuair a thachair iad ri chèile a-rithist san Fhraing. As dèidh dhi tilleadh a Shan Francisco ann an 1878, lean e i gu Aimearaga ann an 1879, a' dol taobh Eabhraig Nuaidh agus Monterey gu San Francisco. Bha an turas sin dona airson a shlàinte, agus bha e grunnan uairean faisg air a bhàs. Anns a' Chèitean 1880 phòs Stevenson Vandergrift agus anns an Lùnasdal dhen bhliadhna thill iad gu Breatainn.

Eadar 1880 agus 1887 bha Stevenson an tòir air aimsir a bhiodh freagarrach air a dhroch shlàinte, a' cur seachad na geamhraidhean ann an Alba agus Sasainn agus na samhraidhean anns a' Fhraing. Bhon Iuchar 1888, bha e a' seòladh a' Chuan Shèimh, a' cur seachad cuid mhòr den àm aige ann an diofar eileanan, m.e. Hawaii, Gilbert Islands, Tahiti, Sealan Nuadh agus Samoa. Ann an 1890, cheannaich e 400 acair ann an Upolu, Samoa, agus bha e a' fuireach anns a' bhaile Vailima ann. Fhuair e ainm Samoa Tusitala agus chaidh e an sàs anns a' phoileataigs ionadail. Chaochail e anns an Dùbhlachd 1894, aois dà fhichead 's a dhà.

Sgrìobhaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Stevenson a' sgrìobhadh sgeulachdan mu thràth nuair a bha e na ghille, agus nochd a' chiad fhoillsechadh aige, The Pentland Rising: a Page of History, 1666, an clò nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois (dh'fhoillsich athair an leabhran). B' e a' chiad rud air do fhuair e airgead an aiste Roads, agus ann an 1868, sgrìobh e a chiad leabhar, An Inland Voyage. 'S e sin leabhar mu dheidhinn siubhail ann an curach Innseanach a rinn e anns an Fhraing agus a' Bheilg dà bhliadhna roimhe sin.

Sgrìobh Stevenson air a' choisechad aige anns an Fhraing anns an leabhar Travels with a Donkey in the Cévennes (1879), agus air na siùbhlaichean a rinn e ann an Aimearaga, far an robh e a' leantainn a bhean ri teachd, Fanny Vandegrift Osbourne, ann an The Amateur Emigrant (tiotal buileach: The Amateur Emigrant from the Clyde to Sandy Hook, air a sgriobhadh ann an 1879-80, ach air fhoillseachadh ann an 1895, aon bhliadhna an dèidh a bhàs), Across the Plains (1892) agus The Silverado Squatters (1883, mu dheidhinn siùbhlaichean mìos nam pòg aca).

An dèidh do Stevenson tilleadh dhan Roinn-Eòrpa, sgrìobh e na sgeulan a b' fheàrr aige: chaidh Treasure Island, a' chiad nobhail gu math ainmeil aige, a dh'foillseachadh ann an 1881-82 ann an iris cloinne agus ann an 1883 mar leabhar; Kidnapped, far an robh e a' sgrìobhadh mu dheidhinn àm Murt na h-Apainn, ann an 1886; Strange Case of Dr Jekyll and Mr Hyde, sgeulachd cho soirbheachail gum do dh'fhàs ainm a ghaisgeach pàirt a' chànain, ann an 1886 cuideachd; no cruinneachadh sgeulachdan goirid The Merry Men and Other Tales and Fables ann an 1887. A bharrachd air sin bha e a' sgrìobhadh bàrdachd: dh'fhoillseachadh, Underwoods, cruinneachadh dàin ann an A' Bheurla Ghallda, ann an 1887.

Thòsich e cuideachd The Master of Ballantrae aig an àm sin, ach cha do chuir e gu crìoch e ach nuair a bha e a' seòladh timcheall a' Chuain Shèimh. Ann an Samoa, sgrìobh e m.e. Catriona, a bha a' leantainn Kidnapped, no Island Nights' Entertainments, an dà chuid air am foillseachadh ann an 1893. Aig àm a bhàis, bha e ag obair air an nobhail Weir of Hermiston.

Dìleab[deasaich | deasaich an tùs]

Anns a' chiad leth den 20mh linn cha robh e còrd gu math ris na luchd-sgrùdaidh, ach tha e measail a-rithist an-diugh, agus bha mòr-chòrdte am measg nan leughadairean rè an ama. Tha e an 25mh sgrìobhadair eadar-dhealaichte anns an t-saoghal, roimhe Charles Dickens no Edgar Allan Poe.

Ceanglaichean eile[deasaich | deasaich an tùs]