Ròn cumanta

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ròn cumanta
Seehund2cele4.jpg
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Còmhlan Chordata
Buidheann Mammalia
Òrdugh Carnivora
Gnè Phocidae
Seòrsa P. vitulina
Ainm saidheansail
Phoca vitulina Linnaeus, 1758[1]

'S e mamal a tha ann an ròn cumanta (Phoca vitulina) a bhuineas don teaghlach Phocidae. Canar ròn calaidh ris cuideachd, ged nach eil iad rim faicinn cho tric ann an calaidhean mar a tha an ròn glas. Tha an ròn cumanta aithnichte mar ròn-mulbhach cuideachd ann an Gàidhlig[2] no rasmhaol. [3]Channadh "tang fish" ris ann an Sealltainn air sgàth 's gun bheil iad rim faicinn am measg an "tang" (feamainn).

Tha an t-ainm saidheansail Phoca vitulina a' ciallachadh "laogh sultmhor". Tha am facal phoca a' tighinn bhon fhacal Ghreugach "phoce" (sultmhor) a thàinig bhon fhacal Sanskrit "spha" (reamhar). Tha am facal Laideann "vitulus" a' ciallachadh laogh.

Coltas[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil e furasta eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ròn cumanta is ròn glas, gu h-àraidh ma bhios iad anns an uisge. 'S e meud nan inbheach, pàtran a' chòta is cumadh a' chinn na prìomh fheartan a tha gan dealachadh bho chèile.

Tha ròin chumanta nas lugha na ròin ghlasa. Mar as trice tha an ròn glas fireann mu 1.85 meters (6.1 ft) a dh'fhaid agus faodaidh 55 to 168 kg (120 to 370 lb) de chuideam a bhith ann an ròin fhireann air fàs. Chan eil an tè bhoireann a bhith cus nas lugha na an fheadhainn fhireann.[4] Tha còta ròin chumanta air a bhreacadh le tòrr spotan beaga a tha e gu math cunbhalach air feadh a' chuirp gu lèir. Tha dath a' chòta ag atharrachadh air feadh na bliadhna. Aig àm breith tha cota dorcha aig na cuileanan a tha caran coltach ris a' chota ma bhios iad bliadhna a dh'aois. Tron bhliadhna bidh an còta ag atharrachadh bho bhàn-dhonn ro àm mus cuir iad am bian gu dorch gual-ghlas àn dèidh sin.

Tha sùilean mòra aca a tha barrachd air aghaidh a' chinn agus nas fhaisge air gob na sròine. Leis a' mhaoil chas àird agus an t-sròn ghoirid tha cumadh a' chinn caran coltach mar cù no cù-eunaich. Tha na cuinnleanan aca suidhichte ann an cumadh-V.

Roinneachd[deasaich | deasaich an tùs]

Roinnean far a bheil an ròn cumanta a' fuireach

Chìthear ròin chumanta anns an Cuan a Tuath agus anns a' Chuan Sèimh, far a bheil e a' fuireach air cladaichean le oitirean-gainmhich far a bheil iad dìonta an aghaidh nàimhdean. Uaireannan tha iad a' fuireach air costa le creagan sàbhailte.

Thathar den bheachd gu bheil mu 500.000 ròn ann air feadh an t-saoghail, le gu bith 90.000 dhiubh a bhith beò air na costachan Eòrpach. Tha 35% dhiubh rin lorg anns an Rìoghachd Aonaichte agus 83% dhiubh ann an Alba.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Linnæus, Carl (1758). Systema naturæ per regna tria naturæ, secundum classes, ordines, genera, species, cum characteribus, differentiis, synonymis, locis. Tomus I, 10, Holmiæ (Stockholm): Laurentius Salvius, 38. A' tarraing air 23.11.2012. 
  2. Dwellys td 770
  3. Dwellys td 750
  4. Kindersley, Dorling (2001,2005). Animal. New York City: DK Publishing. ISBN 0-7894-7764-5.