Carl Linnaeus
O Uicipeid
| Carl Linnaeus | |
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | Råshult 23 an Cèitean 1707 |
| Bàs | Uppsala 10 am Faoilleach 1778 |
| Oilthigh | Oilthigh Lund, Oilthigh Uppsala |
| Roinn Obrach | Bith-eòlas |
| Linn | 18mh Linn |
| Dùthaich | An t-Suain |
| Creideamh | Lutaireanach |
B’ e rannsachair bith-eòlais agus lusaire a bha ann an Carl Linnaeus (ainm eile: Carl Linné, Carl von Linné, Laideann: Carolus Linnaeus). Rugadh e air 23 Cèitean 1707 air tuathanas ann an ceann a deas na Suaine agus chaochail e air 10 Faoilteach 1778 ann an Uppsala, an t-Suain. Tha e cliùiteach airson an t-siostam ainmeachchaidh ris an canar "Taxologie". Sgrìobh e rangachadh saidheansail airson daoine, a h-uile beathach agus lus, a tha fhathast air a chleachdadh le luchd bith-eòlas air feadh an t-Saoghail an diugh.
[deasaich] Eisimpleir
Rangachadh saidheansail airson Homo sapiens:
- Rìoghachd (regnum) =Animalia
- Fìne (phylum) = Chordata
- Roinn (classis) = Mammalia
- Òrdugh (ordo) = Primates
- Teaghlach (familia) = Hominidae
- Seòrsa (genus) = Homo
- Gnè (species) = H. sapiens
[deasaich] Ceanglaichean a-muigh
- Biography aig Roinn Bith-eòlas aig Oilthigh Uppsala
- Litrichean
- Biography aig The Linnean Society ann an Lunnainn
- Linnean Herbarium