Nikos Zachariadis

O Uicipeid
Nikos Zachariadis
Beatha
Breith Edirne, 27 dhen Ghiblean 1903 (Julian)
Dùthaich  A' Ghrèig
Bàs Surgut (en) Translate, 1 dhen Lùnastal 1973
Àite-adhlacaidh An Àithne
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt
Foghlam
Foghlam Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin
Oilthigh Comannach nan Saothraichean an Ear
Cànain Grèigis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Comannach na Grèige

B' e prìomh rùnaire Pàrtaidh Comannach na Grèige a bh' ann an Nikos Zachariadis (Greugais: Νίκος Ζαχαριάδης, Adrianolpolis 27 an Giblean 1903 - Surgut 1 an Lùnastal 1973). Bha athair, Panagiotis Zachariadis, na eòlaiche ann an taigh-gnìomhachais Tombaca. Ghluais Nikos òg à Constantinople ann an 1919, far an d' fhuair cothroman obrach agus far an do thoisich ann an saoghal poileataigs. B' fheudar dha An Tuirc an latha an-diugh fhàgail agus chaidh e dhan A' Ghrèig fhèin is e na fhògarrach bochd. Ann an 1922/1923 shiubhal e dhan Aonadh Sobhiat far an d' fhuair e ballrachd na Komsomol.

Bha Zachariadis os cionn a' Phàirtidh aige bho 1931 gu ruige 1956 agus bha e a-measg nan daoine na bu chudromaiche ann an Cogadh Sìobhalta na Grèige, a chaill na Comannaich air sàilleabh cionn thaic bho Stalin.[1] A' chiad rud a rinn e, b' e am Pàrtaidh ùrachadh, leasachadh agus aonachadh. Ged a bha e sa phrìosan, agus a dh'aindeoin coimhearachd bho taobh a-staigh nan Comannach. Chuidich e ann an sabaid an aghaidh feachdan Hitler sa Ghrèig.[2] Chaidh a chur gu Dachau fad trì bliadhna. Chaidh e dhan Aonadh Sobhiat na fhògarrach ann an 1949 far a chaochail e.[3] Fhuair e a chuid foghlaim san Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin (Ruisis: Международная ленинская школа).[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Shrader, Charles R. (1999). The withered vine: logistics and the communist insurgency in Greece, 1945-1949, Westport, Conn.: Praeger. ISBN 978-0-275-96544-0.
  2. Τσιντζιλώνης, Χρήστος (1989). ΟΚΝΕ 1922-1943 : Λενινιστικό, μαχητικό σχολείο των νέων. Αθήνα, Ελλάδα: Σύγχρονη Εποχή.
  3. АВГУСТА - ТРИДЦАТЬ ЛЕТ СО ДНЯ СМЕРТИ БЫВШЕГО ГЕНЕРАЛЬНОГО СЕКРЕТАРЯ КОММУНИСТИЧЕСКОЙ ПАРТИИ ГРЕЦИИ НИКОСА ЗАХАРИАДИСА
  4. Douglas Boyd, Daughters of the KGB, History Press, Bungay, ISBN 978-0-7509-6354-1