LibreOffice
O Uicipeid
Tha LibreOffice 'na shreath de phrògraman oifis a tha stèidhichte air còd fosgailte agus tha e saor an-asgaidh ri linn sin. Chaidh LibreOffice a stèidheachadh mar ghobhal de OpenOffice agus tha e co-chòrdail le iomadh prògraman oifis eile leithid Microsoft Office agus tha e ag obair air iomadh siostam-obrach, a' gabhail a-steach Windows, Linux agus Mac OSX.
Susbaint |
LibreOffice agus a' Ghàidhlig [deasaich]
'S e 3.4.4 a' chiad sgaoileadh de LibreOffice a tha ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-mach o 9.11.2011 agus tha e a-nis suas ri 3.5. Tha e ri fhaighinn ann am barrachd air 100 cànan, a' gabhail a-steach Gaeilge, Cuimris agus Breatnais.