La Palma (Cundinamarca)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
La Palma
Flag of la Palma (Cundinamarca).svg Escudo de La Palma (Cundinamarca).svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Colombia - Cundinamarca - La Palma.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Image: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Cundinamarca.svg Cundinamarca
Àirde 1462m
Teodhachd 21˚
Co-chomharran 05° 21' 50' Tuath
74° 23' 35' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 191 km²
Àireamh-shluaigh 9,918 (2005)
Dlùths 51.93/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann La Palma. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1,462m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 150km bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. ‘S e baile le clìomaid blàth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 21˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1561.

Sluagh a' bhaile[deasaich | edit source]

Tha 9,918 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 5,935, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin ‘s e pàtran àireamh-sluaigh traidiseanta a th’ ann am La Palma fhathast.

A thaobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' anns a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am La Palma, ach tha 3.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 79.9% dhe na daoine ann am La Palma leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 9.3% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | edit source]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Palma. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

An t-sìde ann an La Palma