Irn Bru

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Irn-Bru

Is e deoch naiseanta eile na h-Alba a tha ann an Irn Bru, a rèir an companaidh a tha ga dèanamh, A.G. Barr plc de Glaschu. Tha cuid firinn aca, oir cha mhòr nach i Alba a h-aon duthaich an Eòrpa far nach eil Coca Cola a' reic uimhir nas motha 's a'bhliadhna na deoch bochd sam bith eile.

Is deoch dearsaich a tha ann an Irn Bru: an dà chuid, air taobh an t-uimhir de Gualan Da-Ocsaid a tha ann agus air taobh an dàth orains brèagha a tha air. Deanta an Alba bho "girders" mar a' b'abhaist ris an sanasadh aig Barr a bhagairt, a' cumail a mach an aon sar-fhilm sanasaidh gun do leig iad Drochaid na Foirthe a bheathaich am factoraidh aca. (Sguir iad an sgeul mu deidhinn "girders" o chionn beagan bliadhnaichean oir ged tha 0.002% de Ferric Citrate na broinn cha tig e bho "girders" agus chan eil breugan breagha den leithid laghail an Alba).

Girders ann neo as, tha àite daingnichte aig Irn Bru ann an cultur na h-Alba, agus cuid math de Albannaich, seann is òg, a' cumail a-mach gu bheil e na chungaidh air leth-mhath do cheann/stamag goirt as dèidh oidhche mhòr.

Drochaid na Foirthe Sar-iomhaigh de laidiread, agus a reir film-reic aig A G Barr leigte re na 1990'n a dhèanamh Irn Bru.