Heliconia (Antioquia)
Heliconia
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: {{{DEALBH}}}|300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Àirde | 1440m | ||||
| Teodhachd | 21˚ | ||||
| Co-chomharran | 6° 12' 39' Tuath 75° 44' 05' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 64 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 6,656 (2005) | ||||
| Dlùths | 104/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas Heliconia | ||||
'S e baile beag ris an taobh an iar Antioquia[1] ann an Coloimbia a th'ann Heliconia. Chaidh e a stèidheachadh mar bhaile ann an 1843, ged a thàinig an ceannsaiche Jorge Robledo ann an 1514. B' e Heliconia a' chiad àite ann an Antioquia far an ràinig na Spàinntich. Tha crìochan a' bhaile ris na bailtean Armenia, Angelopolis, Ebéjico agus Medellín.
Susbaint |
Freumhan an Ainm [deasaich]
'S e Guaca agus Arví na ciadan ainmean a bha air an àite far a bheil Heliconia an latha an-diugh (Tha am Pàrc Nàdarra Arví faisg air Medellín).[2] An uair sin chaidh an t-ainm a dh'atharrachadh gu Ciudad de la Sal, bhon fhacal Spàinntis sal (salainn),[3] oir bha mèinnean salainn mòra anns a' bhaile. 'S e ainm Greugach a th'ann Heliconia. Fhuair e an t-ainm sin air sàilleabh am miotas Greugach mu dheidhinn na Daoine Sìthe aig an eas-uisge air a' Bheinn Helicon.[4]
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Ged a tha 6,656 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,847 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Heliconia (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.8% dhe na daoine ann an Heliconia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 28.7% dhe na dachannan.[7]
Fèisean [deasaich]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Heliconia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèisean Verraco dhe Guaca (Seann ainm a' bhaile).
- Fèis an Amadain Cosiaca (Traidiseanta air feadh na h-Antioquia).
- Fèisean Tomás (nan Tuathanach): an t-Ogmhios.
- Fèille na h-Eich agus Sabaidean le Coilich.
- Fèille an Naoimh Àrd-aingeal Raphael.
- A' Chàisg.
- Latha Steidheachadh a' Bhaile.
- Fèisean na h-Aonaidh.
- An Tilleadh.
Ceanglaichean A-mach [deasaich]
An t-sìde ann an Heliconia (Medellín)