Dabeiba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Dabeiba
Flag of Dabeiba.svg Coats of arms of None.svg
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Antioquia - Dabeiba.svg
Sealladh air a' bhaile
Lallorona.JPG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Antioquia Department.svg Antioquia
Àirde 450m
Teodhachd 27˚
Co-chomharran 07° 00′ 14″ Tuath
76° 14′ 46″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,883 km²
Àireamh-shluaigh 30,088 (2002)
Dlùths 15.98/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Dhabeiba

'S e baile beag, am broinn sgìre àirde an iar Antioquia[1] ann an Urabá, Coloimbia a th'ann Dabeiba. Tha crìochan aige mu thuath còmhla ris na bailtean Mutatá agus Ituango, air an àirde an ear còmhla ri Ituango, Peque agus Uramita, agus mu dheas còmhla ri Uramita agus Frontino agus air an àirde an iar còmhla ri Murindó, Turbo agus Mutatá. Tha am baile fhèin suidhichte aig 183 ciolomeatair bho Mhedellín, prìomh-bhaile na Roinne Antioquia. Tha farsaingeach dhe 1,883 km² aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1887.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Toisichidh eachdraidh Dabeiba leis an ainm fhèin. Fhuaireadh an t-ainm bhon a' Bhan Phòsta Dabeiba Hernández, boireannach ainmeil a dhìon in-imrich a' cheàrna, agus ro sin, 's dòcha air thuiteamas, thàinig an t-ainm aice bho ionmhas miotasach nan tùsanach ris a chanadh “Dabeibe”. A bharrachd air sin, nan robh sin gu leòr, 's e ainm bana-dhia na buidhne katìo a th'ann "Dabeibe" cuideachd, is ise tabhatair agus baintighearna na dhaoine. Ach tha e cinnteach gur e às na mnatha Dabeiba a thàinig ainm a' bhaile, is chan ann na facalan catío.

'S leis na na Tùsanaich catíos a bha an tìr seo ro na Spàinntich. Rinn na treudan sin strì cruaidh an aghaidh tìreachas an fhearrain aca, ach mu dheireadh thall chaidh iad a ghabhail air is theab iad a bhàsachadh uile gu lèir, ach gu fortanach tha sliochd nan curaidh sin nan tàmh anns an sgìre fhathast agus thathar a' beachdachadh gur e dualchas cultarail dhe Coloimbia a th'annta an latha an-diugh.

Le lèirsinn iongantach, smaoinich fir-eachdraidh aig toiseach agus meadhan na 20mh linne gun saoraich an sgìre seo an Roinn Antioquia gu lèir. Sgrìobh ùghdair air choiregin ann an 1938: “Tha an t-àm ri teachd na h-Antioquia suidhichte anns na tìrean torrach pailt ann an àirde an iar. Coimheadaidh a chuid fhir air a' mhuir agus togaidh iad rathad a shaoras i”.

O chionn ceud bliadhna sgrìobh an Dotair Manuel Uribe Ángel, fear-eachdraidh cliùiteach à Antioquia: “Is an siud, far gum bu chòir dha Antioquia dòigh teàrainte gus beartas agus mòrachd fhaighinn airson na làithean ri teachd; oir bu chòir dhuinn slighe a thogail an siud, is thoir ise daoine na h-Antioquia gu ruige oirthir A' Chuain Siar agus bho an siud air feadh na cruinne”. Faclan fa-leth aithriseil fàidheil an latha an diugh 2006, nuair a dh'fhosgail Túnel de Occidente (Tunail an Iar).

Chaidh an rathad sin, air a bhruidhinn an t-aislingiche, a thogail mu dheireadh thall ach chaidh e thairis fearann cho trom 's nach b'urrainn dha na làraidhean mòra a dhol mun cuairt is le sin chan fhaod iad a riarachadh neo a bharantadh togail port na h-Antioquia ann an Turbo airson na làithean ri teachd.

Aig toiseach toisichidh, leis na catíos a bh'ann fhathast fo ghreim neo nam fògarraich, bha Dabeiba fo bhuaidh Fhrontino. Chaidh e a stèidheachadh ann an 1850 ann an àite ris an canar El Mohán is e Dabeiba Viejo an t-ainm a bh'air aig an àm sin. Feumar a dhol tro Dabeiba air an rathad eadar Mhedellín agus A' Mhuir Cairibianach an latha an-diugh, agus tha dùil ann gum bi na làithean ri teachdail nas fheàrr an dèidh Túnel de Occidente (Tunail an Iar) a chladhadh.

Trioblaidean Poiliteagach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Dabeilba air a bhith ann an droch staing taobh phoileataigs agus ainneirt fad iomadh bliadhna. Le sin 's e àite uabhasach cunnartach a th'ann. An dèidh Am Bogotazo, thug an ainneart eadar na pàrtaidhean poiliteagach fìor dhroch bhuaidh air muinntir an sgìre, is thoisich iad a dhol dhan na bailtean mòra, is iad an cuid fhearrain fhàgail. Rinn na Guerrillas (na làmh chlì) agus nan paramilitares (buidhnean teàrainteachd phrìobhaideach na làimh dheas) sgrios agus milleadh rè na 60an, na 80an agus na 90an. Tha daoine an sgìre air a bhith nan ìobairtich Eucoirean an aghaigh Còirichean Daonna fad leth cheud bliadhna[2]. Tha na Aguilas Negras (na h-Iolairean Dubha) fhathast an sàs anns an sgìre, is na daoine an dùthaich fhàgail gus an latha an-diugh. Tha sin a' chur stad air leasachadh an sgìre.

Fiosrachadh Choitcheannail[deasaich | deasaich an tùs]

  • Stèidheachadh, 1850
  • Stèidheachadh mar bhaile, 1887
  • Luchd-stèidhidh: In-imrich
  • Far-ainm:Doras gu Urabá.

Tha Dabeiba ga sgaradh, airson ga riaghladh, ann an 4 sgìrean beaga, La Balsita, Camparrusia, Urama (neo Urama Grande) agus Santa Teresa. Tha 117 clachain beaga aige mar Thasidó, La Mesa, La Estrella, Florida, Armenia, Rioverde, Guadua-Lito, Murrapal, La Balsita, La Aguada, Chachafrutal agus San Agustín.

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 24,084 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 15,480, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ann am Dabeiba fhathast.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dabeiba, ach tha 13.2 % dhe Tùsanaich agus 0.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 65.7% dhe na daoine ann an Dabeiba leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 19.2% dhe na dachannan.[5]

Rathaidean[deasaich | deasaich an tùs]

Tha rathaidean gu ruige Mutatá, Peque, Uramita y Frontino. 'S e Port na h-aibhne Murindó a th'ann Dabeiba.

Aig an ìre seo, tha Ministearachd a' Ghiulain a' toirt gu buil pròiseact airson rathad dùbailte bho Shantafé gu ruige Turbo, a chuidicheas Dabeiba gu mòr. A bharrachd air adhartas a thoirt dhan bhaile, tha dùil ann gun cuidich sin ainneart poiliteagach a' bhaile a lughdachadh.

A bharrachd air sin, tha iad air an rathad tro ghleann La Llorona a leasachadh co-dhiù. Bha an rathad sin uabhasach cunnartach 's chuireadh sin dragh air daoine a' bhaile is air malairt.

Eaconomaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Dabeiba. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Aiteachan Inntineach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Eaglais ionadail Nuestra Señora de la Merced.

Beartas Nadarra:

  • Pàirce Nàdarra Nàiseanta Paramillo
  • Uaimh Mohán
  • Drochaid Nadarra air an Aibhne Sucio
  • Làrach-gleidheachas nan Catío Emberá
  • Cueva del Encanto (Uamh fo Gheasaibh).

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa oifigeil na roinne
  2. Colombia Support
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: