Contae an Dúin

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Contae an Dhúin
An dúin.PNG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Northern Ireland.svg Èirinn a Tuath
Còigeamh Flag of Ulster.svg Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,448 km²
Àireamh-shluaigh 416,600 ()
Dlùths 170.18/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a tha ann an Contae an Dúin[1] (tuiseal ainmneach: An Dún).[2] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 416,600 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,448km²,[3] an 12mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an dàrna a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Dúin le , Aontroim agus Ard Mhacha.[4] Bha 327,611 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Dónaird (850m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Comhairle Chontae an Dhúin a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[7]

Susbaint

Sgìrean Ionadail [deasaich]

Tha ceithir baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Dhúin: An Aird Íochtarach, An Aird Uachtarach, An Caisleán Riabhach Íochtarach, An Caisleán Riabhach Uachtarach, An Duifrian, Uíbh Eachach Íochtarach (An Leath Íochtair), Uíbh Eachach Íochtarach (An Leath Uachtair), Uíbh Eachach Uachtarach (An Leath Íochtair), Uíbh Eachach Uachtarach (An Leath Uachtair), Cineál Fhártaigh, Leath Cathail Íochtarach, Leath Cathail Uachtarach, An tIúr agus Múrna. A bharrachd air sin, tha 70 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Dúin agus Drom Mhór)[9] agus 1,666 bailtean fearainn sa chontae.[10]

Bailtean [deasaich]

Daoine Ainmeil [deasaich]

Iomraidhean [deasaich]

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Scoil Cronáin Naofa
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Outdorrs NI
  7. ULST
  8. Ancestry Ireland
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann
  10. PRONI