Èirinn a Tuath

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Èirinn a Tuath anns an Rìoghachd Aonaichte

'S e Èirinn a Tuath [1] (Gàidhlig na h-Èireann: Tuaisceart Éireann; Beurla: Northern Ireland, "Ullans": Norlin Airlann) roinn den Rìoghachd Aonaichte. Tha Beul-Feirste aice mar prìomh-bhaile agus tha 1,837,938 neach a' fuireach innte. Tha ceithir chànain: Gaeilge (Gàidhlig na h-Èireann), Ullans (Beurla Ghallda Ulaidh) agus Beurla air aithneachadh anns an sgìre.

Bidh feadhainn ag eigheachd "Ulaidh" ( no "Ulster" ) air ach chan eil ach mu dà-threas den sgìre ud (agus 86% dhen àireamh-shluaigh) fo chùmhachd riaghaltas Èirinn a Tuath. Tha strì mòr air a bhith anns an dùthaich eadar na daoine a tha a' fuireach ann o chaidh thaobh a deas Èirinn a phàirteachadh bhon Rìoghachd Aonaichte ann an 1922, gu h-àraidh an dèidh deireadh na 1960an nuair a thòisich na "troubles" mar a chanas daoine ris an strì anns a' Bheurla. Tha an sluagh-aonachdach, ("Unionists"), leis a chuid mhòr a' leantainn an creideamh Pròsdanach, agus sinnsearachd Gallda Albannach aca, airson Èirinn a Tuath a chumail mar pàirt den Rìoghachd Aonaichte. Tha na nàiseantaich, no gu tric "Poblachdaich", a tha gu mòr nan Caitligich airson aonachadh le Poblachd na h-Èireann agus mar sin Eilean Eirinn aonachadh fo aon riaghaltas Eirinneach, taobh a-muigh den RA. 'On "Good Friday Agreement" air Dihaoine, an 10mh latha den Giblean 1998, tha an sìth air cumail mar is àbhaist ged a bhios fhathast connspaid ann aig àmanan agus mort ach s' ann glè ainneamh a bhios tachartasan mar seo ann san latha an diugh. Tha an achd seo cuideachd ga dhèanamh laghal airson sluagh Èirinn a Tuath taghadh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Poblachd na h-Èireann airson dè'n dùthaich a b' fheàrr leotha.

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1