Cath Raon Ruairidh

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Claibhears
  • Os cionn nan Seumasach: Iain Greumach Chlaverhouse, Viscount Dhùn Dè, ris an canadh na Gàidheil "Claibhears"
  • Chaidh an latha le na Seumasaich, ach chaidh Claibhears a mharbhadh le peilear
  • Ged a fhuair na Seumasaich buaidh-làrach, thugadh bàrr orra le feachdan an riaghaltais aig Blàr Dhùn Chaillinn, mìos às dèidh a' bhlàir seo.

[deasaich] An Dèanamh-Deas

Dh'fhàg Claibhears is arm beag Loch Abar, fearann Chloinn Chamshroin, nuair a chuala e gun robh MacAoidh a' dèanamh air Caisteal Athaill a bha ga ghlèidheadh airson nan Seumasach. Bha aig MacAoidh ri dhol troimhe cadha Choille Chnagaidh, far a bheil Gleann Garadh glè chumhang. Rinn e sin, ach bha feachd Chlaibhears ann roimhe is ga fheitheamh, is reisimeidean nam fineachan Gàidhlig air an suidheachadh gu math suas leathad Raoin Ruairidh, beagan tuath air a' chadha.

[deasaich] Am Blàr

Chaidh feachd MhicAoidh a chur an òrdugh dìreach far a bheil rathad mòr an A9 an-diugh, is iad a' coimhead an ear-thuath suas leathad. Am measg reiseamaidean nam fineachan Gàidhlig air taobh nan Seumasach bha Clann MhicGillethain; Dòmhnallaich Chlann Raghnaill; Dòmhnallaich Ghleann Gharadh; Camshronaich Loch Iall; agus Dòmhnallaich Shlèite.


(Tha obair fhathast ga dhèanamh air an duilleig seo)

Cainntean eile