Clann Chamshron

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ìomhaigh Clann Chamshron

'S e Clann Chamshron aon de na cinnidhean as sìne ann an Alba [1], le fearann dualchasach ann an Loch Abar.

'S e priomh mheur a' chinnidh Loch Iall, agus is iad na fineachan eile Eireachd (le prìomh-athair Eòghann Camshron [2]), Na Cluainean, Gleann Nibheis, agus Am Fasadh Feàrna.

Tha caochladh bheachdan air tùs a' chinnidh. 'S e aon bheachd gun d' thàinig an sliochd bho bhall Theaghlagh Rìoghail an Danmhairg, fear le sròn cam agus, mar sin, leis an leth-ainm Cam-shròn; 's e beachd eile gun d' thàinig an sliochd à Fìobh agus gun d' fhuair iad an sloinneadh bho ainm sgìre an sin.

Anns na meadhan-aoisean, dh' aonaich na Camshronaich le trì cinnidhean eile, 's e sin MacMhàrtainn à Leitir Fhionnlaigh, MacGhillOnfhaidh às an t-Sròin agus MacShomairle à Gleann Nibheis [3].

'Se ainm traidiseanta a' ceann-feadhna Mac Dhòmhnaill Dhuibh (an t-ainm air tighinn bho' n t-sinnsear Dòmhnall Dubh (rugadh 1400), a' chiad cheann-feadhna air a bheilear cinnteach), no Loch Iall (bho' n loch a tha faisg air cathair a' chinnidh, Caisteal Achadh na Cairigh), a tha fhathast na àite-fuirich do Loch Iall.

O thùs, b' e Tòrr a' Chaisteil cathair a' chinnidh. Chaidh a leagail le Eòghann Dubh Camshron, a thog Caisteal Achadh na Cairigh ann an 1655. Chaidh Achadh na Cairigh a lasadh leis na Hanoverians. Chaidh 'ath-thogadh le Dòmhnall Camshron ann an 1802 [4].

B' e sluagh-ghairm a' chinnidh Chlanna nan con thigibh a seo is gheibh sibh feòil, agus am facal-suaicheantais Aonaibh Ri Chèile.

Coltach ris a' mhòr-chuid de chinneadhan Gaidhealach, bha Clann Chamshron an sàs ann am moran cathannan troimh na linntean, moran dhiubh an aghaidh an nàimhdean Clann an Tòisich. Gidheadh, shabaid iad leis a' chinneadh sin an aghaidh Clann Dòmhnaill aig Blàr Inbhir Lochaidh ann an 1431.

Shabaid na Camshronaich fo Eòghann Camshron aig Blàr Coille Chnagaidh ann an 1689 [5].

Ri linn Cogaidhean an Neo-eisimeileachd anns a' cheathramh linn deug, thathar a' creidsinn gun do shabaid Clann Chamshron air taobh Righ Raibeart am Brus an aghaidh nan Sasannach. Cuideachd, bha Clann Chamhron air taobh nan Seumasaich aig Prestonpans, Blàr na h-Eaglaise Brice, agus Blàr Chulodair. As dèidh Chulodair, ghabh an ceann-feadhna, Dòmhnall Camshron, Gentle Lochiel, tèarmann anns an Fhraing, far an do chaochail e ann an 1748.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. http://www.ambaile.org.uk/gd/item/item_illustration.jsp?item_id=12404
  2. http://www.scottishweb.net/articles/25/1/Scottish-Clans---Cameron-of-Erracht/Page1.html
  3. http://www.clan-cameron.org/history.html
  4. http://www.clan-cameron.org/achna.html
  5. http://www.ambaile.org.uk/gd/item/item_illustration.jsp?item_id=9613

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]