Auguste Rodin

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
François-Auguste-René Rodin
Rodin-cropped.png
Fiosrachadh
Rugadh Flag of France.svg Paris, 12mh An t-Samhain 1840
Bàs Flag of France.svg Meudon, 17mh An t-Samhain 1917
Obair Deilbheadh
Linn 19mh Linn, 20mh Linn
Duaisean Légion d’ Honneur

B’ e François-Auguste-René Rodin (Paris, 12 an t-Samhain 1840 - Meudon, 17 an t-Samhain 1917) fear dhe na deilbhearan na b’ ainmeile a bh’ ann a-riamh.[1] Tha na nithean na b’ fheàrr a rinn e ann an dà taigh-tasgaidh ann am Paris agus Meudon a-nis. Bha athair, Jean-Baptiste, na oifigear poilis ann an Normandaidh.

Trèanadh agus Obair[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich e a chuid trèanaidh foirmeil ann an 1854, nuair a chaidh e dhan Sgoil Bheag (Fraingis: La Petite École), is Lecoq de Boisbaudran agus Jean-Hilaire Belloc a’ toirt foghlam dha na h-oileanaich an siud. Aig aon an àm dh’ionnsachadh e fo stiùireadh Antoine-Louis Barye, eòlaiche-bodhaig,[2]is bha e an sàs ag obair anns an stiùidio aig Louis-Robert Carrier-Belleuse cuideachd.[3] An dèidh an Sgoil Bheag fhàgail, dh’fheuch e ris a dhol do Sgoil na h-Ealain Pharis, ach chaidh e dhiùltadh trì tursan.

‘S e An duine leis an t-sròin bhriste (L'Homme au nez cassé)[4] a bh’ann a’ chiad rud a chuir e a-steach dhan Salon ann am Paris, ach dhiùltadh e air sàilleabh nach robh e deiseil.[5] Seo liosta na nithean na b’ ainmeile aige: An Smuaineadair (1880), Am Pòg (1886) agus Am Mac Stròdhail (1889).

‘S e Dorsan Ifrinn (La Porte de l’Enfer) an rud na b’ adhartaiche ghlòir-mhiannaiche a rinn e a-riamh, a dh’iarr Taigh-tasgaidh na h-Ealain Mhaisich air. Mhair an gnothach ceithir bliadhna gus an robh e deiseil airson taisbeanadh an Salon ann an 1900, is chuidich Camille Claudel e ris. Thug e brosnachadh agus misneachadh bho mhòran tobraichean, ach dh’ainmich esan fhèin gu seachd àraidh Dorsan Phàrrais le Ghiberti, An Ifrinn[6] le Dante agus Flùraichean na n-Aingidheachd[7] le Baudelaire.

Rinn e ìomhaighean dhe Victor Hugo agus Honoré de Balzac ann an 1897 a bha gu math connspaideach aig an àm, ach ‘s e càrnan-cuimhne poblach ann am Paris a th’ annta a-nis. Tha am buidheann eachdraidheil aige ris an canar Na Bùirdeasaich à Calais (Les Bourgeois de Calais) uabhasach ainmeil gus an latha an-diugh cuideachd, is chithear e ri beulaibh Pàrlamaid Shasainn ann an Lunnainn.[8] A bharrachd air sin, tha aon ìomhaigh a rinn e, Eòin Baistidh, ann an Gleann na Cille, faisg air Dùn Phrìs, Alba.[9]

Ealain agus Lomnochd[deasaich | deasaich an tùs]

Bha cuspairean gnèitheasach agus drùis-mhiannach a-riamh ann an teas mheadhan na h-obrach aig Rodin.[10] Fhaiceadh cuirp rùisgte is gnothaichean na feòla dhe gach uile seòrsa, fiù 's fèin-bhrodadh, anns a chuid obrach, seadh anns na h-ìomhaighean mheatailt is cloiche, seadh anns na dealbhan is gràbhalaichean. ‘S e dìreach Rodin a bh' ann a’ chiad dheilbhear a rinn fìor dhealbh caineag mhnà,[11] ann an Iris, teachdaire na Diathan (Iris, messagère des dieux).[12]

Gaol[deasaich | deasaich an tùs]

Bha beò-ghlacadh làidir taobh cuspairean na feòla aig Rodin.[13] agus bha tòrr leannain aige fad a bheatha, ach thug dithis dhuibh buaidh mhòr air a chuid obrach. ‘S e Rose Beuret a’ chiad leannan a fhuair e, bha iad còmhla fad am beatha, is phòs e rithe mu dheireadh thall air an 29mh latha dhenFhaoilleach 1917 (am bliadhna a bhàsaich an dithis dhuibh).[14] Thug Rose Beuret mac dha, ach leigeadh Rodin seachad e.

Bheireadh boireannach eile buaidh fa leth mòr air beatha Rodin, tè air an robh Camille Claudel, a bha an sàs ann am buidheann dhe oileanaich a fhuair Rodin, mu 1884. Dh’aidich Rodin gun do thòisich e air cuspairean gu math drùis-mhiannach agus gnèitheasach a dh’obair nuair a choinnich e Camille Claudell. Chaochail i ann an 1943 an dèidh 30 bliadhna a chuir seachad ann an taigh-cuthaich.[15]

Bha mòran leannain ainmeil eile ann an saoghal an ealain aig Rodin fad a bheatha cuideachd. Mar eisimpleir, sgrìobh an dannsair Isadora Duncan mu dheidhinn a cuid leannanachd neo-thorrach còmhla ris an deilbhear:[16] ’S e dìreach a h-uile càil a thoirt dhasan gum bu mhiann leamsa fhèin agus sin a dhèanainn gu dearbh, nan cuireadh mo chuid fhoghlaim amaideach an dearg eagal ormsa (...). Abair na tursan a ghabh mi aithreachas air a’ mhì-thuigsinn ghòrach leis gun do chaill mi an cothrom seunta mo mhaighdeanas a thoirt dhan dhia Pan, do Rodin uamhasach! A bharrachd air sin, thug mòran de luchd-ealain is cleasaichean pàirt ann am beatha Rodin, is bho àm gu àm bhite ag iarraidh a bhith ga mì-chliùthachadh gu poblach, air an sgàth; Sgaoileadh Sergei Diaguilev droch fhathannan mu dheidhinn Rodin agus Vatslav Nijinski, nuair a chunnaic e an dithis dhuibh nan cadal còmhla air an fheur an comhair an Taigh-òsda Hôtel Biron.

Dìleab[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e fìor ro-theachdaire an deilbhidh nòs-ùr agus fìorachail a bh’ann Rodin, ged an robh neart clasaigeach ann cuideachd. Thug e buaidh uabhasach mòr air deilbhearan an 20mh Linn mar Camille Claudel, Maillol, Constantin Brâncuşi, Matisse, Alberto Giacometti neo fiù 's Chillida.[17] Tha feadhainn ag ràdh gur robh na rinn e cudromach do dh’Egon Schiele cuideachd.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Musée Rodin
  2. Bronze Gallery
  3. Història de l'art del segle XIX, le García Carmen, Universitat de València, 2000, duilleagan 197 gu 199, ISBN 84-370-4274-7
  4. Insecula
  5. Història de l'art del segle XIX, le García Carmen, Universitat de València, 2000, duilleagan 197 gu 199, ISBN 84-370-4274-7
  6. EPDLP
  7. Galeón
  8. Virtual London
  9. Dumfries and Galloway Online
  10. Exposiciones Mapfre
  11. Dwelly-d
  12. Exporevue
  13. Auguste Rodin, le Rainer Maria Rilke, Santa Coloma de Queralt, Obrador Edèndum, 2000, duilleag 16, ISBN 978-84-936609-6-3
  14. Soumaya
  15. Centro Psicoanalítico de Madrid
  16. Auguste Rodin, le Rainer Maria rilke, Santa Coloma de Queralt, Obrador Edèndum, 2000, duilleag 19, ISBN 978-84-936609-6-3
  17. TV3

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]