Honoré de Balzac

O Uicipeid
Honoré de Balzac
2. president of the Société des gens de lettres (en) Translate

1839 - 1840
Abel-François Villemain (en) Translate - Victor Hugo
Beatha
Breith Tours, 20 dhen Chèitean 1799
Dùthaich  An Fhraing
Ciad chànan Fraingis
Bàs Paris, 18 dhen Lùnastal 1850
Àite-adhlacaidh cladh Père Lachaise
Grave of Balzac and Ewelina Hańska (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (cnàmhainn)
Teaghlach
Athair Bernard-François Balzac
Màthair Anne-Charlotte-Laure Sallambier
Cèile Ewelina Hańska (en) Translate  (14 dhen Mhàrt 1850 -
Càraid Olympe Pélissier (en) Translate
Maria du Fresnay (en) Translate
Caroline Marbouty (en) Translate
Laure de Berny (en) Translate
Claire de Maillé de La Tour-Landry (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Lycée Charlemagne (en) Translate
(1814 - 1816)
Oilthigh Pharas
(1816 -
Roinn an Lagha, Paras
(4 dhen t-Samhain 1816 - 4 dhen Fhaoilleach 1819)
Àrd-fhoghlam Baidealair ann an Lagh
Cànain Fraingis
Luchd-teagaisg François Guizot
Abel-François Villemain (en) Translate
Victor Cousin (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd nobhailiche, breithniche litreachais, sgrìobhadair, prose writer (en) Translate, neach-naidheachd, breithniche ealain, aistear, dramaturge (en) Translate agus foillsichear
Obraichean comharraichte Le Père Goriot
The human comedy (en) Translate
Illusions perdues (en) Translate
Eugénie Grandet (en) Translate
Splendeurs et misères des courtisanes (en) Translate
La Peau de chagrin (en) Translate
Les Chouans (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Walter Scott agus Georges-Louis Leclerc, Comte de Buffon (en) Translate
Gluasad fìorachas
Far-ainmean Horace de Saint-Aubin, Lord R’Hoone, Viellerglé agus Saint Aubin
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
IMDb nm0051304

B’ e ùghdar Frangach a bh’ ann an Honoré de Balzac. Rugadh e fon ainm Honoré Balzac, ann an Tours air an 20mh latha dhen Chèitean 1799 (1er prairial an VII) agus chaochail e ann am Paris air an 18mh latha dhen Lùnastal 1850. ‘S e sgrùdair na litreachas is ealain, sgrìobhadair dràma is abaltanan, neach-aithris agus clò-bhualadair a bh’ ann cuideachd. Leig e leas sàr obair romansach na an fheadhainn na bu treasa a bh’ ann a-riamh ann an litreachas na Frainge, le 91 nobhailean agus sgeulachdan a nochd eadar 1829 agus 1852 na measg.[1][2]

'S e ùghdar dìcheallach a bh’ ann, agus dh’fhàs a chuid droch shlàinte na bu laige is na bu laige gus a bhàsaich e gu math òg (aig dìreach 51 bliadhna a dh’aois), fo bhuaidh na fiachan a fhuair e air sàilleabh a chuid droch airgid-tasgaidh, is b’ fheudar dha creideasaichean aige a theiche. Dh’fhalaich e fo ainmean breugach ann an sreath de àiteachan-còmhnaidh. Fhuair Balzac iomadach sùgradh le boireannaich mus do phòs e a’ Bhan-iarla Hanska, ann am Berdychiv ann an 1850, an dèidh seachd bliadhna deug de suirghe.

'S e fear dhen eòlaichean na b’ fheàrr na nobhailean Frangach, dhen a h-uile sèorsa, a bh’ ann Honoré de Balzac: nobhailean eachdraidheil/poilitigeach mar Les Chouans, nobhailean feallsanachail mar Le Chef-d'œuvre inconnu, nobhailean na gaotharlanachd mar La Peau de chagrin, agus nobhailean bàrdail mar Le Lys dans la vallée. Ach 's e a chuid nobhailean an fhìorachais agus an eòlais-inntinn, mar Le Père Goriot agus Eugénie Grandet, a bha na b’ ainmeile agus na bu chudromaiche dhàsan. Thathar ag ràdh, gu neo-cheartach, gur e ùghdar an fhìorachais a-mhàin a bh’ ann, air an sàilleabh. Air an làimhe eile, tha na sgrùdaidhean as ùire air Balzac a’ sealltainn dìreach cho làidir 's a bha e taobh romansaidheachd agus bàrdachd, gu seachd àraidh ann an Lys dans la vallée, a bharrachd air dùsgadh-inntinn na gaotharlanachd, neo fiù’s fàidheanta, a bha cho làidir ann an iomadach nobhail agus sgeulachdan a sgrìobh e. Mar a thuirt Jacques Martineau, “cha deach sin à sealladh gu tur anns an Comédie humaine bho La Peau de chagrin agus La Messe de l'athée gu ruige Louis Lambert”.

Chruinnich Balzac a chuid obrach ann an sreath uabhasach mòr ris an canadh La Comédie humaine (An Comadaidh Daonna), ainm a thug e bho La Divina Comedia (An Comadaidh Naomh) le Dante Alighieri. Chuir e roimhe mion-sgrùdadh a dhèanamh air gach clas sòisealta agus na daoine a bha nam broinn. Bha e airson “strì a dhèanamh an aghaidh suidheachadh a’ cho-chomainn” mar a sgrìobh e ann an Ro-ràdh na Comédie humaine.

Chruinnich Balzac na leabhraichean aige ann an diofar seòrsaichean: Sgrùdadh na cleachdaidhean, Sgrùdadh bun-rannsachail, agus Sgrùdadh feallsanachail. Bha e dhen bheachd gu robh an Sgrùdadh feallsanachail glè chudromach gus a chuid obrach a thuigsinn. Smaoinich e gur e "iuchair a cheanglas sgrùdadh na cleachdaidhean gus an sgrùdadh feallsanachail tro fhàinne na gaotharlanachd a bha cha mhòr oithireach far am bithear a’ togail a’ bheatha leis a’ mhiann, a tha aig cridhe a’ bhoile" a bh’ ann La Peau de chagrin.

Tharraing Honoré de Balzac dealbhan uabhasach mòr dhen cho-chomann na linntean aige is e a’ cruthachadh prìomh-shamhlaidhean mar Eugène de Rastignac, duine òg às an dùthaich ag iarraidh air Paris a cheannsachadh: Félix Grandet, an smàigire sanntach dachaigheil: Jean-Joachim Goriot, ìomhaigh an athar, seòrsa dhe “Ìosa na n-athaireachd”, neo Vautrin, an t-seann phrìosanach a-nis na phoileasman.

Thug e buaidh làidir air ùghdaran eile mar Gustave Flaubert, is chaidh an nobhail aige L'Éducation sentimentale air a bhrosnachadh gu dìreach bho Lys dans la vallée, Madame Bovary, agus La Femme de trente ans. Thug sreath romansach na Comédie humaine agus na caractaran nas chudromaiche aice, a nochdas a-rithist siud 's an seo, buaidh mhòr cuideachd air tòrr ùghdair na linne sin agus an ath linn, gu seachd àraidh Émile Zola, anns an sreath Rougon-Macquart, agus mu dheireadh thall, Marcel Proust. Mar a sgrìobh Georges Cattaui: “Le sin, 's e na daoine ainmeil e le beò-ghlacaidhean aig Balzac a chì sinn a-rithist anns na caractaran mòra dìoghrasach aig Proust.”

Bidh a chuid obrach a’ nochdadh daonnan siud 's an seo anns a’ chlò, fiù ’s na rinn e nuair a bha e fhathast òg. 'S e tobar gun chrìoch airson filmichean a dhèanamh a th’ anns na nobhailean aige, bho La Marâtre, a nochd ann an 1906. Thathar a’ dèanamh filmichean leis na leabhraichean aig Balzac gus an latha an-diugh, agus tha mu cheud filmichean agus tele-filmichean dhaibh air an nochdadh air feadh na cruinne.

Leabhraichean cudromach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Encyclopædia Britannica
  2. Encyclopédie Larousse