Am Muir Caraibeach
'S e pàirt den Chuan Siar a tha anns a' Mhuir Charaibeach. (sa Bheurla: Caribbean Sea). Tha an Camas Mheagsago san taobh tuath agus tha Aimearaga a Deas san taobh a deas. San iar dheas tha Aimearaga Mheadhanach agus Meagsago, san taobh tuath tha na h-eileanan Greater Antilles agus san taobh an ear tha na Lesser Antilles.
'S e aon de na marannan-sàil as motha air feadh an t-Saoghail, tha an fharsaingeachd aige cho mòr ri 2,754,000 km² (1,063,000 sqm).[1] Tha an t-àite as doimhne (7,686 m/25,220 ft), an Cayman Trough, eadar Cùba agus Iaimeuca.
Tha stòras mòr ola anns a' Mhuir Charaibeach, cuirear mu 170 millean tunna a-mach às a' mhuir gach bliadhna.[2]
Tha roinn na turasachd làidir anns an Chraibeach cuideachd, m. e.: tha an Caribbean Tourism Organization ag ràdh gu bheil 12 millean luchd turais a' tadhal air na h-eileanan gach bliadhna agus 8 millean bàta cuairt-mara a' seòladh mun cuairt. [3]
Tha roinn iasgaich cudthromach cuideachd, tarraingear leth-mhillean tunna eisg as a’ mhuir gach bliadhna.[4]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ The Caribbean Sea All The Sea. URL last accessed May 7, 2006
- ↑ An Overview of Land Based Sources of Marine Pollution Caribbean Environment Programme. URL last accessed May 14, 2006.
- ↑ Caribbean Cruisesas per CLIA-Cruise lines International Association
- ↑ LME 12: Caribbean Sea NOAA Fisheries Northeast Fisheries Science Center Narragansett Laboratory. URL last accessed May 14, 2006.